Ro-Sgoile
Tha Solar Tràth-bhliadhnaichean na phàirt chudromach den t-slighe ionnsachaidh tro mheadhan na Gàidhlig. Mar as tràithe a bhios cothrom aig a’ phàiste an cànan a chluinntinn, is ann as dualtaiche gum bi an leanabh an uair sin a’ faicinn a’ chànain sin mar phàirt bhunaiteach den fhèin-aithne aca, a bhios a’ brosnachadh taic fad-beatha dhan chànan agus dealas làidir airson fileantas is comas sa chànan a chumail.
Tha buidhnean Pàrant is Pàiste agus Cròileagain rim faighinn ann an iomadh àite. Airson barrachd fiosrachaidh, thoir sùil air làrach-lìn Neadan. Ann an 2021, dh’fhastaich Comann nam Pàrant sgioba thràth-bhliadhnaichean ùr le trì oifigearan, dithis sna h-Eileanan Siar agus aonan ann am meadhan na h-Alba. Mar phàirt de dh’ath-shlànachadh COVID-19 bidh iad ag obair gus taic a chumail ri buidhnean gus seiseanan a ruith a-rithist cho math ri bhith a’ stèidheachadh buidhnean ùra. Tha a’ mhòr-chuid de bhuidhnean air an ruith le comataidh saor-thoileach agus gu tric bidh iad a’ fastadh stiùiriche-cluiche le Gàidhlig.
Tha tràth-ionnsachadh agus cùram-chloinne maoinichte (ELC) ri fhaighinn do gach pàiste a tha trì agus ceithir bliadhna a dh’aois agus do chlann dà bhliadhna a dh’aois a tha ion-roghnach. Bhon Lùnastal 2021, chaidh a’ chòir air tràth-ionnsachadh is cùram-chloinne a leudachadh gu 1140 uair a thìde sa bhliadhna (30 uair san t-seachdain ma ghabhar ri seo tron teirm).
Bidh toirt a-steach 1140 uairean a thìde de TIC sa Ghàidhlig a’ toirt deagh bhuaidh air togail cànain agus air fileantachd a ruigsinn. Le 1140 uairean a thìde, tha cothrom ann cur ri buileachadh agus a bhith a’ toirt piseach air eadar-ghluasad airson clann, tro bhith a’ faighinn barrachd cothrom a’ Ghàidhlig a chluinntinn is a chleachdadh bho aois 2 no 3. Tha seo a’ cuideachadh gus na slighean-ionnsachaidh bho 3-18 a neartachadh.
Ceistean Chumunta
Mur eil Gàidhlig againn, an urrainn dhuinn foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a thaghadh?
’S urrainn. Tha tòrr den chloinn ann am Foghlam Gàidhlig à dachaighean far nach e Gàidhlig cànan na dachaigh. Tha cothroman agus taic ann do phàrantan gus Gàidhlig ionnsachadh.
Am feum mo phàiste a dhol gu buidheann ro-sgoile Ghàidhlig mus tèid iad gu Foghlam tro Meadhan na Gàidhlig?
Chan eil seo gu tur riatanach, ach mholamaid e nuair a ghabhas e dèanamh agus tha solar sgoil-àraich aig a’ mhòr-chuid de sholar tro mheadhan na Gàidhlig a-nis.
Bhidio goirid le pàrantan agus luchd-obrach ag innse mu Fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig ann an suidheachadh nan tràth-bhliadhnaichean.