Na Prìomh Buidhnean Ghàidhlig
Tha diofar bhuidhnean a’ dèanamh tòrr obair airson taic a chur dhan Ghàidhlig ann an Alba. Fhàd ‘s a tha sgoilearan a’ dol tro mheadhan na Gàidhlig, thèid sibh tarrsaing tòrr dhuibh, Gu h-ìosal tha cuid de na prìomh bhuidhnean ann agus rud beag fiosrachaidh mu dheidhinn dè tha gach buidheann a’ dèanamh. Cliog air an dealbh airson sùil a thoirt air an làrach-lìn.
Tha Bòrd na Gàidhlig am priomh bhuidhnean le dleastasan airson leasachadh Gàidhlig, a’ gabhail a-steach a’ toirt comhairle do Ministearan Albannach air cùisean Gàidhig. Bidh an sgioba Comann nam Pàrant ag obair gu dlùth leis an sgioba Foghlaim aig Bòrd na Gàidhlig. Air an làrach-lìn aca, ghiebhear barrachd fiosrachaidh mu Fhoghlam Gàidhlig, Planaichean Gàidhlig agus maoineachadh.
Spòrs Gàidhlig
’S e solarachadh foghlaim air a' bhlàr a-muigh a th’ ann an Spòrs Gàidhlig a bhios a’ cruthachadh chothroman tro mheadhan na Gàidhlig don òigridh air a bhlàr a-muigh. Tha gu leòr chur-seachdan ri fhaighinn a’ gabhail a-steach sgitheadh, bòrd-seasaimh, claiseachd, rothaireachd-slèibhe, agus MapLand Alba am measg iomadh rud eile.
Faodaidh Spòrs Gàidhlig tighinn thugaibh; aig an sgoil no sa chomhearsnachd no faodaidh sibhse tighinn gu Loidse a’ Ghlinne Mhòir airson tachartas còmhnail a bhios spòrsail agus le cur-seachadan tron Ghàidhlig.
Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig
‘S e Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig a’ bhuidheann a tha a’ co-òrdanachadh foillseachadh agus sgaoileadh ghoireasan do dh’Fhoghlam Gàidhlig air feadh Alba. A bharrachd air a bhith a’ cruthachadh ghoireasan dha sgoiltean-àraich, bun-sgoiltean agus àrd-sgoiltean, tha làraichean-lìn a bharrachd aig Stòrlann a leithid Gaelic4Parents, GaelicnanÒg, Ceumanan agus Lasadh.
Tha oifigearan iomairt aig Comunn na Gàidhlig stèidhte air feadh na dùthcha a bhios a’ cruthachadh prògram de thachartasan tro mheadhan na Gàidhlig a tha freagarrach dhan choimhearsnachd far a bheil iad ag obair. Bidh iad a’ cur air dòigh thachartasan òigirdh thar na bliadhna, a’ gabhail a-steach phrògraman teisteanais mar Duais Iain Muir. Cuideachd bidh iad a’ ruith buidheann òigridh Gàidhlig, Sradagan, agus co-fharpaisean ball-coise am measg iomadh rud eile. Ma thèid na sgoilearan an sàs ann an tachartasan mar seo, thathar an dòchas gum bi iad air am brosnachadh agus am misneachadh Gàidhlig a chleachdadh nas trice agus a faicinn mar chànan beò a bhuineas do gach earrann dhem beatha seach cànan a bhruidhnear san t-seòmar-theagaisg a-mhàin.
Tha Fèisean nan Gàidheal air aon de na buidhnean a tha faotainn maoineachadh gu cunbhalach bho Alba Chruthachail agus tha sinn a’ toirt taic do 47 Fèisean teagaisg a tha a’ toirt ionnsachadh ann an ealain dhualchasach na Gàidhlig do dh’òigridh air feadh Alba. Tha na Fèisean air a bhith toirt oideachadh do dhaoine òga ann an ceòl traidiseanta, òrain Ghàidhlig is dràma Ghàidhlig airson còrr is 35 bliadhnaichean. Bidh mu 6,000 duine òg a’ gabhail pàirt sna clasaichean gach bliadhna.
‘S iad An Comunn Gàidhealach a’ prìomh bhuidheann a bhios a’ cur air dòigh Am Mòd Nàiseanta Rìoghaill agus cuideachd a’ toirt taic dha Mòd Ionadail. An Comunn fhathast a’ daingneachadh na h-amais a bhith a’ brosnachadh agus a’ neartachadh cànan, cultar, eachdraidh agus dualchas na Gàidhlig aig ìrean ionadail, nàiseanta agus eadar-nàiseanta.
Tha BBC Alba an aon seanail le susbaint Gàidhlig. Air loidhne, tha na programam ri fhaighinn ri choimhead air ais, porgaman chloinne an lùib agus an goireas ionnsachaidh Gàidhlig, Speak Gaelic.