Ro-sgoil

BBC Alba
https://www.bbc.co.uk/iplayer/

CBeebies ALBA air iPlayer - tha prògraman CBeebies ALBA air iPlayer fon tiotal CBeebies ALBA. Bidh na prògraman air son 30 latha às dèidh dhaibh a dhol a-mach.

Bookbug as a' Ghàidhlig
https://www.scottishbooktrust.com/articles/online-bookbug-session-bookbug-goes-gaelic
An robh fios agad gu bheil Bookbug a' bruidhinn Gàidhlig cuideachd? Dèanaibh deiseil airson cuid de na h-òrain is rannan Gàidhlig as fheàrr leinn agus sgeulachd sònraichte a tha sgoinneil airson àm leabaidh.

Cròileagan Dhùn Eideann
http://edinburghcroileagan.blogspot.com
Làrach-lìn aig Cròileagan Dhùn Èideann far a bheil beachdan air dè b' urrainn dhut a dhèanamh le ur cloinn agus òrain, faclan agus sgeulachdan uile sa Ghàidhlig.

CBeebies ALBA
https://www.bbc.co.uk/cbeebies/shows/alba
Làrach-lìn aig CBeebies ALBA far a bheil tòrr bhideothan ri fhaighinn as a' Ghàidhlig. Tha cuspairean ann airson cloinne a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig mar àireamhan agus dathan.

Gàidhlig nan Òg
https://www.gaidhlig-nan-og.scot/en/ 
Goireas a chaidh a chur air bhonn do phàrantan aig a bheil clann aois 0-5. Grunn chuspairean leithid beathaichean, an corp, aodach, dathan, saothair an latha, àireamhan, an aimsir agus òrain chloinne le òrain, faidhlichean-fuaim agus PowerPoints rim faighinn airson gach fear. Dòigh mhath air Gàidhlig a dhèanamh àbhaisteach san dachaigh.

Stay Strong and Free 
http://safestrongandfree.org.uk/wp-content/
Goireas air leth a tha a-nis ri fhaighinn sa Ghàidhlig – an tè seo airson Sgoil Àraich gu h-àraid. Ionnsaich a’ chlann mu fhaireachdainnean, buirreaidheachd, daoine sàbhailte nar beatha am measg iomadh rudan eile.

Padlet - Goireasan airson Pàrantan 
https://padlet.com/foghlamgaidhlig
Cruinneachadh slàn de ghoireasan airson sgoil-àraich agus sgoilearan bun sgoil ann an Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig. Tha 17 diofar cuspairean uile ri chèile, le gu leòr airson Sgoil-Àraich a-measg.

Padlet - Goireasan FMG An Trath Ìre agus A' Chiad Ìre
https://padlet.com/annquinn1985
Cruinneachadh slàn de ghoireasan chruthachail airson Sgoilearan FMG aig an trath ìre agus a' chiad ìre.