top of page

Ceistean Iomchaidh mu FMG 

Chithear gu h-ìosal ceistean iomchaidh mu Fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig. Ma tha ceistean a bharrachd agaibh neo feumach air soillearachadh air dad, nach cuir sibh fios thugainn

Dè th’ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig (FTG?)

Tha FTMG a’ cleachdadh Gàidhlig airson ionnsachadh agus teagasg, tro mhodhan bogaidh ann an BS1 agus BS2 dha clann nach eil fileanta ann an Gàidhlig.  Tha sgrìobhadh agus leughadh ann am Beurla air ionnsachadh bho BS3 ach ’s e Gàidhlig daonnan cànan conaltraidh a’ chlas.  Tha clann ann an FTMG a’ leantainn an aon churraicealaim ’s a tha clann ann an foghlam Beurla.  Anns an dòigh seo, a dh’aindeoin comasachd, tha a’ chlann ag ionnsachadh còmhradh, leughadh agus sgrìobhadh chun na h-aon ìre ann an Gàidhlig agus ann am Beurla.

 

Ciamar a gheibh mo phàiste buannachd à FMG? 

Tha mòran bhuannachdan an lùib a bhith comasach ann am barrachd air aon chànan agus chan eil e gu diofar dè na cànain a th’ ann. Ach ann an Alba tha a’ Ghàidhlig air leth luachmhor agus bidh i na cuideachadh ann a bhith a’ faotainn cosnadh ann an iomadach raon, cho math ri bhith a’ cur ri beairteas sòisealach is cultarach.

 

An gabh a dhèanamh ged nach eil Gàidhlig againn fhèin?

Gabhaidh, tha a’ mhòr-chuid de chloinn ann an FTMG à dachaighean far nach eil duine a’ bruidhinn Gàidhlig. 

 

An ionnsaich mo phàiste dà chànan leth cho math ri aon chànan?

Cha ghabh comas leanabh gus cànanan ionnsachadh a chuingealachadh, agus ann an cuid de dhùthchannan tha clann òg a’ bruidhinn trì no ceithir a chànanan.  ’S urrainn sgilean mar leughadh a bhith air an cleachdadh ann an iomadh cànan.

 

A bheil FTMG a’ cur bacadh air adhartas chloinne?

Chan eil.  Tha rannsachadh air sealltainn gu bheil clann ann an FTMG a’ dèanamh a cheart cho math ris na comhaoisean aca anns gach cuspair, a’ gabhail a-steach Beurla

 

Bu mhath leam nam faigheadh am pàiste agam foghlam dà-chànanach ach tha iomagain orm nach urrainn dhomh cuideachadh le obair-dachaigh?

Anns a’ chumantas, tha pàrantan a’ faicinn nach robh adhbhar iomagain ann a bhidh orra a thaobh obair-dachaigh nuair a tha am pàiste anns an sgoil, ach tha taic ri fhaotainn nuair a tha feum. Tha goireasan air-loidhne agus siostaman taic ann a–nis do phàrantan, leithid clubaichean obair-dachaigh.

 

Ciamar is urrainn dhomh cuideachadh le foghlam mo phàiste mur eil Gàidhlig agam fhèin?

Cuidich do phàiste le bhith a’ nochdadh ùidh nan cuid foghlaim agus ann an rudan sam bidh co-cheangailte ri Gàidhlig – telebhisean, rèidio, cur-seachadan taobh a-muigh na sgoile agus tachartasan sam bidh anns a’ choimhearsnachd.

 

Tha mo phàiste fileanta sa Ghàidhlig.  Carson a bu chòir dhomh FTMG a roghnachadh?

Tha FTG a’ daingneachadh a’ chànain aig fileantaich agus gam brosnachadh gus cumail a’ dol le bhith a’ cleachdadh na Gàidhlig anns gach suidheachadh.  Tha e cuideachd a’ toirt dhaibh an cothrom a bhith gu tur litearra sa chànan.

 

An urrainn dha mo phàiste tòiseachadh ag ionnsachadh Gàidhlig must tòisich iad sa bhun-sgoil?

’S urrainn.  Ann am mòran sgìrean, tha buidhnean Pàrant is Pàiste ann cho math ri gnìomhan leithid Bookbug sa Ghàidhlig do chloinn eadar 0-3 bliadhna.  Tha solar sgoil-àraich a-nis air a thabhann le Comhairlean anns a’ chuid-mhòr de sgìrean agus gu h-àbhaisteach tha seo co-cheangailte ri na sgoiltean a tha a’ tabhann Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig. 

 

Tha mo phàiste fileanta sa Ghàidhlig.  Carson a bu chòir dhomh FTMG a roghnachadh?

Tha FTMG a’ daigneachadh a’ chànain aig fileantaich agus gam brosnachadh gus cumail a’ dol le bhith a’ cleachdadh na Gàidhlig anns gach suidheachadh.  Tha e cuideachd a’ toirt dhaibh an cothrom a bhith gu tur litearra sa chànan.

 

Ciamar a gheibh mi barrachd fiosrachaidh? 

Bheiribh sùil air ar làrach-lìn, far am faighear cuideachd ceangalan gu làraich fheumail eile, no faodaidh sibh fios a chur chun an ùghdarrais ionadail agaibh.  

bottom of page