Mu ar deidhinn
Ar Sgeulachd
Chaidh Comann nam Pàrant (Nàiseanta) (CnP(N)) a stèidheachadh le Comunn na Gàidhlig ann an 1994, an dèidh iarrtais bho phàrantan airson a leithid. Tha cothrom aig a h-uile sgìre aig a bheil buidhnean ionadail CnP a bhith air an riochdachadh air a’ Chomataidh Nàiseanta, a’ ciallachadh gu bheil guth nam pàrant ri chluinntinn air ìre nàiseanta. Tha Oifigear Phàrant Nàiseanta, maoinichte le Bòrd na Gàidhlig, air a fastadh le Comunn na Gàidhlig airson taic a thoirt do phàrantan agus airson FTG a bhrosnachadh. Tha CnP(N) a-nis stèidhte ann an saoghal leasachaidh na Gàidhlig agus a bharrachd air cumail taic ri buidhnean ionadail CnP ann a bhith brosnachadh FTG agus goireasan a thoirt seachad airson seo, tha sinn a’ stiùireadh ‘Sgeama Comhairleachaidh Phàrant’ a bhios a’ fastadh pàrantan le eòlas air FTG airson fios a sgaoileadh mu FTG am measg pàrantan le chlann fo aois sgoile. Tha Oifigear Phàrant CnP ag obair ann an co-bhonn le sgioba foghlaim Bòrd na Gàidhlig.
Ciamar a thèid mi an lùib le Comann nam Pàrant?
Tha buidheann Comann nam Pàrant anns a’ mhòr-chuid de sgìrean far am faighear foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. Tha na buidhnean fosgailte do phàrant sam bith aig am bheil clann ann an FTMG aig ìre sam bith, agus faodaidh pàrantan coinneamhan choitcheann a fhrithealadh. Ma tha thu ag iarraidh grèim fhaighinn air riochdaire CnP anns an sgìre agad fhèin, cuir fios air an Oifigear Phàrant a bheir dhut ainm agus fiosrachadh.
Ma tha sibh airson buidheann CnP a stèidheachadh anns an sgìre agaibh, tha e furasta gu leòr sin a dhèanamh. Coinnichidh an t-Oifigear Phàrant ri pàrantan san sgìre airson a dhol tro Bhonn-stèidh CnP, mìneachadh a thoirt mun obair aig CnP gu h-ionadail, agus ceistean sam bith a dh’fhaodadh èirigh a fhreagairt. Tha e an uairsin an urra ribh fhèin am bheil sibh airson buidheann a stèidheachadh. Ma tha sibh airson seo a dhèanamh san sgìre agaibh, cuiribh fios air an Oifigear Phàrant.
Buannachdan ann am buidheann ionadail
Tha buidhnean CnP air am meas cudromach airson iomadach adhbhar;
-
Tha iad a’ toirt phàrantan aig am bheil clann ann am FTMG còmhla airson bruidhinn air cuspairean a tha toirt buaidh air foghlam an cuid-chloinne aig a h-uile ìre
-
’S urrainn do CnP taic a thoirt don sgoil, ag obair ann an co-bhonn ri Comhairlean Phàrant
-
’S urrainn do luchd-dreuchd a’ Chomataidh bruidhinn às leth nam pàrantan le ùghdarras. ’S fheàrr le Comhairlean, sgoiltean agus buidhnean eile a bhith a’ dèiligeadh ri riochdairean an àite iomadach duine fa leth
-
Le bonn-stèidh, faodaidh CnP, mar bhuidheann coimhearsnachd, airgead a thionail ann an dòigh nach urrainn an sgoil a dhèanamh
-
’S urrainn do phàrantan le cloinn ann am FTMG an siostam foghlaim a bhrosnachadh anns an sgìre aca fhèin
-
Tha na buidhnean ag amas ri taic a thoirt do thachartasan tron Ghàidhlig taobh-muigh na sgoile, leithid obair nan Sradagan