Ro-sgoil

Tha foghlam ro-sgoile tro mheadhan na Gàidhlig, ann an riochd cròileagain agus sgoiltean-àraich, na chiad cheum cudromach ann am foghlam foirmeil.

Tha buidhnean Pàrant is Pàiste ann an grunn sgìrean agus mar as tric tha iad gan ruith le comataidh saor-thoileach agus tha cuid a’ fastadh neach-stiùiridh.

’S e comataidh saor-thoileach a tha cuideachd a’ ruith na Cròileagain agus tha a’ mhòr-chuid air co-dhiù aon neach-stiùiridh fhastadh. Ann an cuid de sgìrean tha buidhnean Cròileagan gan ruith an àite sgoiltean-àraich.

’S e Bòrd na Gàidhlig am buidheann nàiseanta a tha an urra ris na buidhnean saor-thoileach ro-sgoile seo.

Tha ùghdarrasan ionadail anns a’ mhòr-chuid de sgìrean a-nis a’ ruith sgoiltean-àraich, agus mar as tric tha ceangal aca ris an sgoil no sgoiltean far a bheil foghlam bun-sgoil tro mheadhan na Gàidhlig ga thabhann.

Am biodh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig freagarrach dha mo chuid chloinne mur a bheil Gàidhlig againn fhèin?

Bhiodh. Tha cuid as motha de chlann ann am foghlam Gàidhlig a’ tighinn à dachaighean far nach eil a’ Ghàidhlig ga bruidhinn. Tha cuideachadh ri fhaighinn agus tha cothroman ann do phàrantan Gàidhlig ionnsachadh.

 

Am feum mo phàiste a dhol gu buidheann ro-sgoile Gàidhlig mus tòisich iad ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig?

Chan eil seo deatamach ach tha e air a mholadh nuair a tha e comasach a dhèanamh agus tha ceangal aig a’ mhòr-chuid de bhun-sgoiltean Gàidhlig ri sgoil-àraich a-nis.

Facebook