Taobh muigh na sgoile

Tha barrachd cothroman ann a-nis dha daoine òga Gàidhlig a chleachdadh taobh muigh an rùm-sgoile; aig Sradagan, Fèisean agus tro iomairtean eile a bhios Comunn na Gàidhlig a’ cur air bhonn mar Duais Iain Muir agus Cuach na Cloinne. Tha sgilean Gàidhlig na cloinne, gu h-àraidh canan sòisealta, air an neartachadh agus tha barrachd teans gum bi iad deònach Gàidhlig a chleachdadh taobh muigh na sgoile ma tha iad a’ gabhail pàirt anns na tachartasan coimhearsnachd seo. 

Comunn na Gàidhlig (CnaG)

Spòrs, tachartasan, prògraman àrainneachd agus campaichean - tha tòrr ri dhèanamh tro mheadhan na Gàidhlig aig Comunn na Gàidhlig. Bidh sinn a' cur air dòigh tachartasan tron bhliadhna do dhaoine òg air feagh Alba. Siuthad - carson nach gabh thu ri cothroman faisg ort no nach tèid thu gu campa no tachartas! Cleachd an liosta seo agus an clàr-ìuil airson barrachd fiosrachaidh.

http://www.cnag.org/gd/oigridh-campaichean

Facebook