Àrd-sgoil

Tha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig san àrd-sgoil a’ dèanamh cinnteach gu bheil leantalachd ann an ionnsachadh chlann a fhuair foghlam tro mheadhan na Gàidhlig sa bhun-sgoil. Tha seo a’ toirt cothrom do sgoilearan a bhith nas fhileanta, agus tuigse fhaighinn air a’ Ghàidhlig mar chànan beò anns am bi foghlam àrd-sgoil air a libhrigeadh.

Tha e comasach don mhòr-chuid de sgoilearan meadhan Gàidhlig cuspair Gàidhlig do dh’fhileantaich a dhèanamh anns an àrd-sgoil. Tha Ùghdarras Theisteanas na h-Alba (SQA) a-nis a’ tabhann dheuchainnean tro mheadhan na Gàidhlig ann an raon de chuspairean mar matamataig, cruinn-eòlas agus eachdraidh agus tha iomadh sgoil a’ tabhann teagaisg tro mheadhan na Gàidhlig anns na cuspairean seo.

Bidh Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu a dh’fhosgail anns an Lùnastal 2006 a’ teagasg a h-uile cuspair tro mheadhan na Gàidhlig aig ìre àrd-sgoil agus bidh buannachd ann do sgoiltean eile bho na leasachaidhean ùra sa churraicealam agus na goireasan a bhios rim faighinn.

Nach biodh e na b’ fheàrr do chlann cànan nas ‘fheumail’ mar Fraingis no Gearmailtis ionnsachadh?

Ann an Alba, le fàs nan gnìomhachasan cultarail, tha a’ Ghàidhlig a cheart cho feumail airson cosnadh fhaighinn ’s a tha Fraingis agus Gearmailtis agus tha e a’ toirt ceangal ri cothroman cosnaidhean tlachdmhor. Meudaichidh na cothroman seo le na dleastanasan air buidhnean poblach agus eile fo Achd na Gàidhlig.  Bu chòir fios a bhith aig pàrantan gun urrainn sgoilearan cànan Eòrpach a dhèanamh cuide ris a’ Ghàidhlig aig ìre àrd-sgoil.

Facebook