Gàidhlig aig dithis phàrant

Ma tha Gàidhlig agaibhse agus ur companach, tha e comasach dhuibh Gàidhlig a chleachdadh mar chànan na dachaigh. Mar seo, faodaidh sibh ur cuid chloinne a thogail agus Gàidhlig mar chiad chànan aca. Tha e cudromach cuideachd gum bi sibhse a’ bruidhinn Gàidhlig ri càch-a-chèile, oir togaidh a’ chlann cànan bho bhith ag èisteachd ri còmhraidhean mun cuairt orra. Ma ghabhas e a dhèanamh idir, feuch gum brosnaich sibh ur clann a bhith cluich còmhla ri an comhaoisean a bhios a’ bruidhinn Gàidhlig a-staigh.

Tha sinn a’ bruidhinn dìreach Gàidhlig ri ar clann ach tha dragh oirnn nach bi a’ Bheurla aca ro mhath.

Chan eil adhbhar dragh ann idir. Chan urrainn dhaibh mòr-chànan mar Bheurla a sheachnadh, air am fàs iad eòlach tro thelebhisean, rèidio, caraidean agus a’ choimhearsnachd.

Chuir mi romham Gàidhlig a bhruidhinn ri mo chuid chloinne fad an t-siubhail. Dè bu chòir dhomh a dhèanamh nuair a thig cuideigin a chèilidh aig nach eil Gàidhlig?

Cha bu chòir gu bheil sibh a’ bruidhinn ri cèiliche ann am Beurla stad a chur oirbh cumail oirbh a’ bruidhinn Gàidhlig ris a’ chloinn. Bu chòir dhuibh mìneachadh do na daoine a tha a’ tadhal cho cudromach agus a tha seo, agus cha bu chòir gun gabh iad dona e. Cha bu chòir dhuibh stad a chur orra bruidhinn ri ur clann ann am Beurla no cànan sam bith.

Tha coltas ann gun do dh’fhàs Gàidhlig mo phàiste nas miosa bhon a thòisich i san sgoil ged a tha i ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. Carson a tha sin, agus dè bu chòir dhuinn a dhèanamh?

Chan eil ann ach glè bheag de chloinn ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a tha a’ tighinn bho dhachaighean Gàidhlig. Tha seo a’ ciallachadh gum bi a’ mhòr-chuid de chloinn ag ionnsachadh Gàidhlig sna bliadhnaichean tràth den fhoghlam

aca, agus tha teansa mhath ann gun tog ur pàiste abairtean is gnàthasan-cainnt bhon chloinn seo. ’S e pàirt nàdarra a tha seo de bhith a’ togail cànan. Bidh clann bho dhachaigh Ghàidhlig gu math tric a’ cleachdadh dà sheòrsa Gàidhlig aig an ìre seo, aon seòrsa nuair a tha iad còmhla ri am pàrantan agus seòrsa eile nuair a tha iad san sgoil a’ bruidhinn ris an tidsear agus na caraidean aca. ’S dòcha gum bi sibh ag iarraidh bruidhinn ri tidsear a’ phàiste gus dèanamh cinnteach gu bheilear a’ frithealadh air na feumalachdan aige/aice mar fhileantach sa chlas. Tha a h-uile teans’

ann gur i Beurla cànan an raon-cluiche agus mar a bhiodh dùil bidh do phàiste ag iarraidh Beurla a bhruidhinn cuideachd. Fàsaidh an suidheachadh seo nas fheàrr nuair a dh’fhàsas a’ chlann eile san sgoil nas fileanta, agus fhad ’s a chumas sibh oirbh a’ bruidhinn Gàidhlig ri ur pàiste san dachaigh, cha mhair an ìre seo fada. Tha ur pàiste fhathast a’ faighinn buannachd à foghlam Gàidhlig agus ’s cinnteach gum biodh a’ Ghàidhlig aca nas miosa nam biodh iad ann am foghlam tro mheadhan na Beurla.

Facebook