Barrachd Gàidhlig san dachaigh

Airson caochladh adhbharan cha bhi cuid a phàrantan a’ cleachdadh Gàidhlig mar chànan na dachaigh gus am bi aon den chloinn aig aois airson a dhol don sgoil-àraich no fiù ’s aig aois sgoile. Gu tric, bidh pàrantan air am pàiste a chur gu foghlam Gàidhlig agus bidh iad a’ faicinn mar a tha am pàiste a’ togail Gàidhlig gun dragh sam bith, agus ’s dòcha gum bi iad air am misneachadh gus an dachaigh aca a dhèanamh na dachaigh Ghàidhlig.

Mas e ’s gun deach an dàimh cànain eadar pàrant is pàiste a stèidheachadh ann am Beurla, faodaidh e a bhith doirbh seo atharrachadh, agus ged nach urrainn dhuibh sgur a bhruidhinn Beurla ri ur clann san spot, faodaidh sibh an uiread de Ghàidhlig a tha sibh a’ bruidhinn a leudachadh, a nì feum mòr do ur pàiste. Faodaidh an teaghlach cur romhpa oidhirp a dhèanamh Gàidhlig a bhruidhinn aig amannan sònraichte, mar eisimpleir, aig àm bìdh no àm cadail. Dh’fhaodadh fàs tighinn air sin, beag air bheag, agus na pàrantan a’ fàs nas misneachaile.

Às bith dè thèid aontachadh, tha e cudromach gu bheil an dithis phàrant air a chùlaibh. Bhiodh e glic cuideachd bruidhinn ris a’ chloinn mu dheidhinn ma tha iad sean gu leòr gus tuigsinn. An uair sin feumaidh an teaghlach coimhead air mar shlighe a leanas iad ceum air cheum agus bu chòir dhaibh targaidean aontachadh a tha iad a’ smaoineachadh as urrainn dhaibh a choileanadh.

Tha mo phàiste a’ diùltadh a cuid Gàidhlig a chleachdadh. Nuair a bhruidhnear rithe an Gàidhlig tha i a’ freagairt am Beurla. Ciamar bu chòir dhuinn dèiligeadh ri seo?

Fiù ’s ann an dachaighean Gàidhlig, bidh pàiste ann a chumas oirre a’ bruidhinn Beurla. ’S dòcha nach mair seo fada agus ’s dòcha gun tèid aig na pàrantan air a tarraing air ais gu bhith bruidhinn Gàidhlig, ach tha eisimpleirean ann nuair a tha an diùltadh seo a’ leantainn ùine mhòr. Feumaidh dèiligeadh ris a’ chùis le co-fhaireachadh. Chan eil feum idir ann a bhith a’ feuchainn ri Gàidhlig a sparradh air an leithid a chloinn: fàsaidh iad nas daingne nam beachd, ach ’s e as glice beagan piobrachaidh agus iarraidh orra an aon rud a ràdh ann an Gàidhlig agus a thuirt iad ann am Beurla. Bidh adhbhar ann airson iad a bhith ag iarraidh cumail orra bruidhinn Beurla; ’s dòcha nach bi fhios aig a’ phàiste fhèin carson. Am measg nan adhbharan a dh’fhaodadh a bhith ann: tha i a’ sealltainn cho neo-eisimeileach ’s a tha i agus i air a bhith fo sgàile bràthar no piuthar nas sine; a’ dol an aghaidh an t-sruth seach gu robhar a’ ceartachadh a Gàidhlig ro thric; tha Gàidhlig co-cheangailte ri càineadh agus tha Beurla co-cheangailte ri spòrs; air a nàrachadh nuair a bhite a’ bruidhinn rithe an Gàidhlig agus i còmhla ri caraidean Beurla.

Tha e furasta do phàrantan gèilleadh agus tionndadh gu Beurla, ach bu chòir dhuibh feuchainn nach tachair seo. Bu chòir dhuibh cumail oirbh a’ bruidhinn Gàidhlig agus fiù ’s ged a bhios ur pàiste gur freagairt ann am Beurla, fàsaidh an tuigse a th’ aige/aice air a’ Ghàidhlig fad an t-siubhail.

Tha mo phàiste a’ bruidhinn measgachadh de Ghàidhlig is Beurla. Dè bu chòir dhomh a dhèanamh mu dheidhinn?

Tha clann a tha a’ cluinntinn barrachd is aon chànan uaireannan a’ toirt ùine mus ionnsaich iad dè an diofar eatarra, agus san ùine eadar-amail seo chan e rud neo-àbhaisteach a th’ ann ma chluinnear cànanan air am measgachadh san aon seantans. Is beag buannachd a thig à càineadh no ceartachadh aig an ìre seo, agus ma tha cus ceartachaidh ann ’s dòcha gur ann a chuireas e bacadh air mar a tha cànan na cloinne a’ fàs agus ’s dòcha nach bi iad ro dheònach còmhradh a dhèanamh. Cuimhnichibh air na faclan is abairtean Beurla a tha iad buailteach a ràdh, agus cleachdaibh a’ Ghàidhlig air an son nur cainnt fhèin agus dèanaibh cinnteach nach cleachd sibh measgachadh de Ghàidhlig is Beurla.

Facebook