Gàidhlig san dachaigh

Faodaidh mar a thathar a’ cleachdadh Gàidhlig san dachaigh buaidh mhòr a thoirt air a’ bheachd a bhios aig pàiste air a’ chànan, agus air cho comasach agus a bhios e no i air buannachd cheart fhaighinn à foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. ’S ann cudromach a tha e gun cluinn a’ chlann Gàidhlig taobh a-muigh na sgoile, agus nach eil iad a’ smaoineachadh gur i a’ Ghàidhlig cànan an rùm-sgoile a-mhàin.

Tha cha mhòr gach duine a-nis a’ tuigsinn mar a dh’fheumas Gàidhlig a-rithist a bhith na ‘cànan màtharail’ agus air a bruidhinn aig teaghlaichean ma tha piseach a’ dol a thighinn air cor na Gàidhlig. Tha gach pàrant a tha a’ cleachdadh Gàidhlig san dachaigh airidh air piobrachadh is taic.

a’ cruthachadh saoghal Gàidhlig 

Ged nach bi e comasach don a h-uile teaghlach an cuid chloinne a thogail le Gàidhlig a-mhàin, faodaidh teaghlach sam bith spèis don chànan fhighe a-steach do bheatha an teaghlaich agus, gu ìre bhig no mhòir, saoghal Gàidhlig a chruthachadh nan dachaigh.

Leigibh le cloinn na ghabhas de Ghàidhlig a chluinntinn le bhith:

  • a’ dèanamh feum de phrògraman Gàidhlig air an telebhisean is rèidio
  • ag èisteachd ri ceòl Gàidhlig
  • a’ coimhead air làraich-lìn Ghàidhlig
  • a’ piobrachadh chàirdean is charaidean le Gàidhlig an cànan a bhruidhinn nur dachaigh

Dèanaibh Gàidhlig follaiseach nur dachaigh le bhith:

  • a’ cleachdadh leabhraichean Gàidhlig
  • a’ sealltainn phostairean is shoidhnichean Gàidhlig

Às bith dè cho math ’s a tha ur cuid Gàidhlig, cleachdaibh an cànan cho tric ’s as urrainn dhuibh le ur cloinn aig an aois as tràithe a ghabhas. Aon uair ’s gu bheil sibh eòlach air a bhith bruidhinn aon chànan sònraichte, tha e doirbh a dhol air ais air sin. Mar sin, tha e nas fhasa fàs eòlach air a bhith bruidhinn Gàidhlig mar theaghlach ma bhruidhneas sibh Gàidhlig ris a’ chloinn bhon toiseach

Carson a bu chòir dhuinn bodraigeadh le Gàidhlig san dachaigh ma tha iad ga fhaighinn san sgoil?

S e  àite fior chudromach a tha anns an dachaigh ann am foghlam a h-uile pàiste, a’ daingneachadh obair a tha air a dhèanamh sa sgoil.  Tha cothrom aig clann sgilean cànain luachmhor fhaighinn bho cleachdadh na Gàidhlig san dachaigh nach eil nam pàirt de dh’fhoghlam foirmeil.

A bheil diofar ann eadar mar a thathar a’ cleachdadh cànan ris a’ chiad phàiste agus ris a’ chòrr den chloinn san teaghlach?

Mun àm a thig an dàrna pàiste, mar as àbhaist tha mar a tha an teaghlach a’ cleachdadh chànanan stèidhichte, agus ma tha am pàiste as sine eòlach air a bhith bruidhinn Gàidhlig ri a phàrantan, tha a h-uile teans ann gur e sin a nì an còrr den teaghlach. Tha bràithrean is peathraichean nas sine a’ toirt a cheart uiread de bhuaidh air dè an cànan a chleachdas an dàrna pàiste agus a tha a phàrantan, ma tha am pàiste as sine eòlach air a bhith bruidhinn Beurla ris na caraidean aige, tha a h-uile teansa gum bi e ag iarraidh Beurla a bhruidhinn ri a bhràithrean is a pheathraichean nas òige. Mar sin, tha e deatamach gum piobraich pàrantan a’ chlann eile Gàidhlig a bhruidhinn ris a leanabh ùr nuair a thig e.

Facebook