Obair Dachaigh

Tha uallach gu math tric air pàrantan aig nach eil Gàidhlig gun dèan iad nas urrainn dhaibh airson taic a thoirt dhan chloinn san sgoil agus gu h-àraidh le obair dachaigh. Ged a gheibh pàrantan a-mach, gu h-àbhaisteach, nach leigeadh leas dragh a bhith orra aon uair ’s gu bheil an cuid chloinne san sgoil, tha tòrr mòr cuideachaidh ri fhaotainn le obair dachaigh ma bhios feum air.

Tha www.gaelic4parents.com a’ tabhann taic beò air-loidhne gach feasgair ann an teirm na sgoile a thaobh obair dachaigh. Lorgaidh pàrantan geamannan, sgeulachdan agus leabhraichean fuaime a chuideachas iad gus Gàidhlig ionnsachadh agus leughadh còmhla rim pàiste. 

Tha clubaichean obair dachaigh agus modhan taice eile do phàrantan cuideachd a-nis rim faotainn ann am barrachd sgìrean. An rud as bunaichte, ma tha dragh sam bith air pàrantan uair sam bith bu chòir dhaibh sin innse do thidsear am pàiste.

Faodaidh clann eòlas fhaighinn air rud ann an aon chànan agus bruidhinn mu dheidhinn ann an cànan eile, agus tha seo tric ga dhèanamh nas fhasa dhaibh cuspair a thuigsinn, mar sin, chan eil a bhith mìneachadh na obair dachaigh aca do phàrant aig nach eil Gàidhlig na dhuilgheadas.

Stiùir Bogaidh Do Phàrantan Gun Ghàidhlig Aig A Bheil Clann A Tha Ag Ionnsachadh Gàidhlig San Sgoil

  • Brosnaich do phàiste gus coimhead air telebhisean Gàidhlig, èisteachd ri rèidio Gàidhlig agus feum a dhèanamh de stuthan air-loidhne.
  • Thoir do phàiste gu tachartasan cultarail Gàidhlig.  Gabh brath de chothroman far a bheil cultar agus cànan na Gàidhlig ri fhaotainn. 
  • Na iarr air do phàiste nithean eadar-theangachadh dhut.  Cha tuig e/i seo anns na bliadhnachan fìor thràth. 
  • Na can riutha, “A-nis, a ghràidh, can rudeigin ann an Gàidhlig gus an cluinn Granaidh thu.” Ma tha do phàiste eudmhor gus Gàidhlig a bhruidhinn aig an taigh, brosnaich seo, ach na dèan obair dheth.
  • Na bi a’ dèanamh coimeas eadar adhartas do phàiste agus adhartas phàistean eile, ge brith an e foghlam meadhan Gàidhlig no Beurla a tha iad a’ faighinn.  Chan eil dà sgoilear sam bith ag obrachadh aig an aon astar.
  • Feuch gun dèan thu soilleir dhan phàiste gu bheil thu toilichte leis an adhartas a tha e/i a’ dèanamh. 
  • Na feuch ri do phàiste a cheartachadh, ma tha thu mì-chinnteach mun dòigh fuaimneachaidh no an abairt. 
  • Leugh sgeulachdan dha do phàiste anns a’ Bheurla, oir cha bhi sgeulachdan Beurla rin cluinntinn san sgoil airson greis.  Faodaidh tu fhèin am beàrn a lìonadh.
  • Na ionnsaich leughadh Beurla dha do phàiste gu foirmeil.  Thèid aig do phàiste air sgilean leughaidh a chleachdadh sa Bheurla anns a’ bhad, aon uair ’s gu bheil iad air an gnothaich a dhèanamh air a’ Ghàidhlig. 
  • Na bi a’ sùileachadh gun tèid aig do phàiste air innse dhut a h-uile càil a thachair san sgoil.  Tha clann a’ fàs cleachdte ri clàr-ama na sgoile agus mar a bhios cùisean ag obrachadh agus, gu math tric, tha iad ag iarraidh bruidhinn air cuspair eadar-dhealaichte nuair a gheibh iad dhachaigh. 
  • Can rudan matha mu dheidhinn na Gàidhlig, mun tidsear agus mun sgoil.  Ma tha ceistean agad no uallach ort mu chàil sam bith, bruidhinn ris an tidsear mun deidhinn agus chan ann ris a’ phàiste. 

Facebook