Taic do Phàrantan

Ann an siostam foghlam sam bith tha àite glè chudromach aig pàrantan agus tha seo dha-rìreabh fior mun a’ Ghàidhlig; is ann mar thoradh air strì phàrantan a thòisich FTMG ann an 1985.

Tha taic phàrantan riatanach aig gach ìre de dh’fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

Tha mòran de na roinnean Foghlam Coimhearsnachd aig ùghdarrasan ionadail a’ tabhann cùrsaichean Gàidhlig airson pàrantan agus tha iomadach cùrsa air-loidhne a-nis rim faighinn.  Tha cothroman airson làithean-saora Gàidhlig do teaghlaichean cuideachd a’ fàs.

Is e goireas prìseil a tha ann am pàrantan is urrainn Gàidhlig a bhruidhinn rin cuid chloinne. Tha e math mas urrainn clann a’ chànan a chluinntinn cho tric ‘s a ghabhas agus is ann as trice a tha seo a’ tachairt, gu sònraichte anns na bliadhnaichean ro-sgoile, is ann is luaithe a thig leasachadh air an sgilean cànain.  Bu chòir pàrantan nas urrainn dhaibh de Ghàidhlig a thoirt don chlann san dachaigh agus bu chòir  misneachadh daoine eile anns an teaghlach agus anns a’ choimhearsnachd gus Gàidhlig a bhruidhinn riutha an-còmhnaidh.

Dè cho cudromach ’s a tha àite nam pàrantan ann a bhith toirt piseach air cànan an cuid chloinne?

Chan eil dad no duine cho cudromach ris a’ phàrant. Bu chòir do phàrantan oidhirp a dhèanamh feuch am bi an teaghlach moiteil às agus dòchasach mun Ghàidhlig. Fiù ’s nuair a tha teaghlach air cur romhpa Gàidhlig a-mhàin a bhruidhinn, faodaidh pàrantan smaoineachadh air dòighean gus briathrachas na cloinne a leasachadh. Aon dòigh seo a dhèanamh ’s e ceistean a chur a tha ag iarraidh air a’ chlann stòiridh innse no cunntas a thoirt dhuibh air rud sònraichte a thachair. ’S e dòigh eile, geamannan a chluich far a bheil còmhradh cudromach, agus cuimhnichibh ’s e leughadh dhaibh aon de na dòighean as fheàrr air stòras fhaclan na cloinne a leudachadh.

Facebook