Lìbhrigeadh

Feumaidh an trèanadh agus an t-ullachadh de phàrantan airson na h-obrach a bhith a rèir an t-suidheachaidh ionadail, airson comhairlichean ullachadh gus an sgeama a lìbhrigeadh ann an raon de shuidheachaidhean a bhios, san àbhaist, am measg seo:  

  • Buidhnean Ro-sgoile
  • Làithean fosgailte aig sgoilteam
  • Taisbeanaidhean aig tachartasan
  • A’ freagairt cheistean bho phàrantan fa leth

Bidh Comhairlichean Phàrant a’ tabhann fiosrachadh air foghlam meadhan Gàidhlig is tachartasan meadhan Gàidhlig san sgìre ionadail aca fhèin.  Tha an sgeama comhairleachaidh ag obrachadh nas èifeachdaile far a bheil co-obrachadh ann le buidhnean eile, leithid ùghdarras ionadail. luchd-obrach tràth bhliadhnachan aig Bòrd na Gàidhlig, ceannardan chròileagain, ionadan ionnsachaidh, agus oifigearan leasachaidh Gàidhlig.  Bidh na comhairlichean a’ brosnachadh phàrantan gus buidhnean tràth bhliadhnachan, sgoiltean-àraich is foghlam meadhan Gàidhlig a fhrithealadh.  Ann an cuid de sgìrean, tha Comhairlichean Phàrant an sàs ann a bhith a’ toirt taic mhòr dhan raon tràth bhliadhnachan sa Ghàidhlig.  Dh’fhaodadh seo a bhith a’ gabhail a-steach seiseanan Bookbug, àm airson rann, seiseanan blasad ann an Gàidhlig airson clann ro-sgoile no a bhith a’ stèidheachadh no a’ ruith buidheann Pàrant is Pàiste.  

Tha sinn cuideachd a’ comhairleachadh, far a bheil sin iomchaidh, gun cleachd pàrantan Gàidhlig san dachaigh gus an cluinn a’ chlann a’ Ghàidhlig taobh a-muigh na sgoile.  Tha seo air leth cudromach ann a bhith a’ stèidheachadh dà-chànanas agus fileantachd sa Ghàidhlig. 

Tha na comhairlichean a’ faighinn pàigheadh airson an cuid obrach le Comann nam Pàrant, a tha a’ cumail clàr den àireamh de phasgain fiosrachaidh a chaidh a sgoileadh agus an àireamh de phàrantan ris an deach bruidhinn. 

Tha an sgeama air a mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig agus tha Comann nam Pàrant a’ faighinn taic bhon sgioba foghlaim aig BnaG ann a bhith a’ riaghladh an sgeama.

Tha Comann nam Pàrant a’ faighinn taic bho Chomunn na Gàidhlig gus an sgeama a stèidheachadh anns na sgìrean Iomairtean Gàidhlig.

Facebook