Sgeama Comhairleachaidh Phàrant

BookbugTha an sgeama seo ag amas air barrachd phàrantan a bhrosnachadh gus foghlam meadhan Gaidhlig a thaghadh dhan cuid chloinne agus gus aire a tharraing chun a chudromachd a th’ aig an dachaigh ann a bhith a’ coileanadh fileantachd ann an Gàidhlig.           

Tha sinn air ionnsachadh gur an tro bhith a’ bruidhinn ri daoine as fheàrr fiosrachadh mu fhoghlam meadhan Gàidhlig a thoirt dhaibh, gu bheil conaltradh pearsanta ag obrachadh, mar is trice eadar pàrant is pàrant.  Tha an Sgeama Comhairleachaidh Phàrant a’ togail air a seo, cho math ris an t-eòlas a thog sinn bho sgeamaichean leithid ‘Tadhal Dhachaighean’ a chaidh a dhèanamh sna h-Eileanan an Iar is air Ghàidhealtachd.  Tha eòlas pearsanta aig gach aon de ar comhairlichean a thaobh FMG. 

Ged is e prìomh amas an sgeama comhairleachaidh an àireamh de chloinn a tha a’ clàradh airson FMG àrdachadh, tha an sgeama cuideachd airson dèanamh cinnteach gu bheil tuigse cheart aig pàrantan mun t-siostam foghlaim Gàidhlig, agus na tha air a shùileachadh bhuapa a thaobh taic dhan chloinn aon uair ’s gu bheil iad air an siostam seo a thaghadh dhaibh.  Cuideachd, a bharrachd air a bhith a’ togail aire chun na buannachdan a tha an lùib dà-chànanas, tha pàrantan a’ faighinn fiosrachadh mu Ghàidhlig agus carson a tha an cuid chloinne ag ionnsachadh na Gàidhlig.  Tha feum aig pàrantan air mìneachadh mionaideach a thaobh dòigh-obrach foghlam bogaidh cànain, agus tuigse mun dealas a tha dhìth agus an taic a tha ri fhaighinn airson an cuideachadh, m.e. clasaichean do phàrantan, buidhnean pàrant is pàiste, gnìomhan thar-churraicealaim taobh a-muigh na sgoile.

Tha an sgeama air a riaghladh le Comann nam Pàrant Nàiseanta, aig a bheil aon neach-obrach pàighte (Oifigear Phàrant) agus a tha a’ faighinn taic rianachd bho Chomunn na Gàidhlig.  

Bidh comhairlichean phàrant a’ faighinn aon latha de thrèanadh sa chiad dol a-mach. le tachartas bliadhnail airson cur ris a seo, le cuireadh ga thoirt do gach comhairliche a bhith an làthair.

Bookbug Books

Facebook

 

Còraichean © 2017 Comann nam Pàrant | Gach còir glèidhte