Cànan - Language

Co-labhairt 2015

Conference opening slide

Strì Phàrant agus taic buidhnean; fàs ann am FTMG.    

Mairead NicIomhair                                   

Madainn mhath a chàirdean! Tha e math a bhith còmhla ribh an seo an-diugh agus mo thaing dhuibh airson m' fhiathachadh.

Moira addresses the conference'S e an t-uallach a chaidh a chuir ormsa aig a' cho-labhairt seo, beagan eachdraidh a thoirt dhuibh a thaobh an strì a rinn na pàrantan thar nam bliadhnaichean agus an taic a fhuair iad airson an toirt chun na h-ìre far a bheil sinn an-diugh a' comharrachadh 30 bliadhna de FTMG. Beagan coimhead air ais chun an latha an-dè airson coimhead air adhart chun an latha màireach.

Airson seo a dhèanamh bu mhath leamsa a dhol air ais gu dìreach 3 bliadhna mus do thòisich FTMG – chun na bliadhna 1982.  Carson a' bhliadhna sin gu sònraichte? Uill, tha sin gu math furasta dhòmhsa fhreagairt. B' e sin a' bhliadhna a nochd an aithisg chudromach “Cor Na Gàidhlig”. Mar a tha fios againn, is iomadh aithisg chudromach. thomadach a thaobh na Gàidhlig a chunnaic solas an latha anns na bliadhnaichean a chaidh seachad ach, nam bheachd fhìn cha do nochd gin a thug a-mach toradh mar a thug aithisg “Cor Na Gàidhlig”. Dhòmhsa, b' i màthair-adhbhair nan leasachaidhean foghlaim a th' againn an-diugh.

Chaidh an aithisg seo a sgrìobhadh ann an solas cunntas-sluaigh 1981 a sheall nach robh ach mu 80,000 neach air fhàgail ann an Alba a b' urrainn Gàidhlig a bhruidhinn gu fileanta. Thug an lùghdachadh a bha seo clisgeadh air daoine agus mu dheireadh thall thòisich daoine tuigsinn gun robh an cànan ann an cunnart agus mur a tachradh rudeigin, cha bhiodh i fada dol à bith.

Aig an àm sin, b' e Bòrd Leasachaidh na Gàidhealtachd  (neo an HIDB) a' phrìomh bhuidheann leasachaidh a bha an sàs air Ghàidhealtachd  agus anns na h-eileanan agus is ann orrasan a thuit an t-uallach airson feuchainn ri rudeigin susbainteach a chur air chois airson an cànan a chuideachadh. Mu choinneamh an spàirn a bha dol aig an àm às leth na Gàidhlig, chuir am Bòrd buidheann de Ghàidheil air chois agus dh' iarradh orra an dà chuid, suidheachadh agus staid na Gàidhlig a chur an cèill gu mionaideach agus an dèidh sin a dhèanamh, moladh neo molaidhean cruaidhe dhèanamh airson an cur air adhart chun an Riaghaltais.

Cha tug a' bhuidheann fada dèanamh mar a dh' iarradh orra oir ann an 1982 nochd an aithisg a dh' ainmich mi agus, ged is ann anns a' Bheurla chaidh a sgrìobhadh, bruidhnidh i nas fheàrr às a leth fhèin na bhruidhneas mise. Seo mar a fhuaras:

“ In particular, there is evidence of a great deal of fragmented and isolated effort in the Gaelic field, which, lacking co-ordination and frequently acting in ignorance of similar developments elsewhere, tends to peter out fruitlessly and waste already tenuous resources.

We have also been made aware of the fact that a number of bodies, particularly local government and statutory organisations, have a genuine desire to take positive action on the Gaelic issue, but do not have at their own hand the immediate guidance and expertise they need.”

 B' e sin an t- suidheachadh mar a lorg iadsan e agus ann an solus na lorg iad, b'e seo mar a mhol iad:

“The Report Group has come to the conclusion that a new agency, of a radically different kind from those already in existence, is needed if realistic progress is to be made in further Gaelic development.

Accordingly, we recommend the formation of a new agency to be known as Comhairle Na Gàidhlig.........”

Ghabh an Riaghaltas ri moladh a' Bhùird agus mar a mhol thachair. B' e an t-aon eadar-dhealachadh a bh' ann nach b' e “Comhairle Na Gàidhlig” an t-ainm a bh' air a' bhuidhinn ach Comunn Na Gàidhlig neo CNAG, agus stèidhicheadh iadsan ann an Inbhir Nis ann an 1984 le Stiùiriche agus Rùnaire. Bha buidheann ùr a-nise ag obair às leth na Gàidhlig  - buidheann leasachaidh AGUS buidheann co- òrdanaiche.

Nis aig an àm sin, mar a dh-ainmich an aithisg, bha rudan a' tachairt às leth na Gàidhlig agus b' e aon rud air an do thog an aithisg seo na h-oidhirpean a bha dol air adhart airson clann fo aois sgoile. Seo mar a thuirt an aithisg:

“We have noted the almost complete dearth of Gaelic facilities for the pre-school age group, and regard this as a crucial area which needs rapid development.

We have welcomed the recent formation of Comhairle Nan Sgoiltean Àraich, a voluntary body founded specifically to promote Gaelic-medium playgroups, and recommend that it should receive the whole-hearted support of potential funding bodies, especially the Highlands and Islands Development Board.”

Thòisich CNSA tràth anns na h-ochdadan fo stiùireadh Fionnlagh MacLeòid agus cha b' urrainn dhuinn an-diugh a bhith a' bruidhinn air 30 bliadhna de FTMG gun luaidh a thoirt air an obair mhòr agus ionmholta a rinn Fionnlagh agus CNSA thar nam bliadhnaichean agus, gu h-àraidh nuair nach robh ach glè bheag a' tachairt. Ann an solas na h-aithisg b' e CNSA a' chiad buidheann Gàidhlig a fhuair taic bhon Bhòrd airson iomairt Gàidhlig agus leis an taic a fhuair iad bhon Bhòrd, chuidich sin gu CNSA a chur air an casan.

Conference delegates

Mar sin, bha nise CNSA ann agus bha CNAG ann AGUS bha na pàrantan ann – oir bha buidhnean beaga de phàrantan mun àm seo a' putadh nan comhairlean aca airson FTMG a thòiseachadh. Bha na pàrantan sin stèidhte gu h-àraidh ann an Glaschu agus ann an Inbhir Nis.

Leis an strì  a rinn na pàrantan agus le taic CNAG agus CNSA air an cùl, thòisich a' chiad 2  Aonad Gàidhlig ann an 1985 ann an Inbhir Nis agus ann an Glaschu le 2 rùm, 2 thidsear agus beagan is 20 sgoilear eatarra agus b' e sin e – toiseach tòiseachaidh FTMG mar a dh' aithnicheas sinne an-diugh e. 

 Leis an toiseach tòiseachaidh seo, dh' fheumte dèanamh cinnteach gun cumadh na h-aonadan seo a' dol agus nach dùineadh iad  air chor sam bith. Mar sin, chaidh oidhirp shònraichte dhèanamh le CNAG maoineachadh a lorg. Chaidh co-labhairt a chumail aig SMO ann an 1985 – a' chiad co-labhairt a bh' ann air Gàidhlig, agus chun na co-labhairt chaidh fiathachadh a thoirt do Rùnaire Na Stàite airson Alba, Seòras Younger a thighinn thuige. Aig a' cho-labhairt sin, gheall Mgr Younger gum biodh Tabhartasan Sònraichte air an cuir air leth le Oifis na h-Alba do Chomhairlean airson FTMG a bhrosnachadh agus a chuideachadh.  B' e sin toiseach nan tabhartasan sònraichte a lean tro na bliadhnaichean agus a th' againn fhathast. Mur a b' e gun d' fhuaras iad aig an àm sin bhiodh FTMG air a mhùchadh aig toiseach cùise oir bha na h-àireamhan cho beag agus bha e doirbh do chomhairlean na cosgaisean a ghiùlain. Ach, leis na tabhartasan, cha robh leisgeul ann.

'S e fìor thoiseach tòiseachaidh misneachail a bha seo do phàrantan a bha a' beachdachadh air FTMG don cuid chloinne. Gu dearbh, bha e cho misneachail agus mun tàinig deireadh nan ochdadan bha 19 Aonadan Gàidhlig air an stèidheachadh air feadh Alba le faisg air 300 sgoilear gam frithealadh – adhartas dà-rìreabh – adhartas le pàrantan aig an stiùir.

'S e mo thuigse gun do thòisich a' chiad CNP ann an Inbhir Nis aig toiseach nan ochdadan mus do dh' fhosgail an Aonad aca ann an 1985. Tha fios agam gur iad a' chiad CNP a bh' ann le bonn-stèidh agus chuidich am bonn-stèidh sin buidhnean phàrantan eile an uair a bha iad gan stèidheachadh fhèin gu foirmeil oir gu tric, bha airgead aca ri lorg airson diofar rudan – gu h-àraidh còmhdhail chun na sgoile, oir cha robh còmhdhail airson FTMG ga phàigheadh aig an àm sin le na comhairlean.

Mar a bha àireamhan nan aonadan a' dol am meud bha agus an àireamh de bhuidhnean phàrant agus ann am bitheantas bha iad gan stèidheachadh fhèin air an aon  seòrsa pàtran ri buidheann Inbhir Nis. Bha bonn-stèidh laghail a' toirt creideas agus neart dhaibh agus bha feum aca air an sin oir a dh' aindheoin adhartais, cha robh gnothaichean furasta dhaibh. Gu tric bha mòran, mòran chnapan-starra air an cur romhpa nam biodh iad airson FTMG a stèidheachadh anns an sgoil neo anns a' choimhearsnachd aca.  Aig amannan b' e a' chomhairle nach robh taiceil, amannan eile an sgoil neo Bòrd na Sgoile neo am maighstir-sgoile, uairean eile a' choimhearsnachd. Gu mi-fhortanach, dh' fhaodadh na deasbadan a bhith gu math nàimhdeil agus bha amannan ann nuair nach robh na meadhanan a' cuideachadh chùisean. Cha robh e furasta idir do phàrantan agus bha feum aca air cuideachadh; mar bu trice, is ann gu CNAG a bha iad a' tionndadh. Dh' fheuch CNAG ris an taic a b' urrainn dhaibh a thoirt do phàrantan gus mu dheireadh anns a' bhliadhna 1993 chuir iad romhpa a' chiad co-labhairt do phàrantan a chumail dhaibh ann an Steòrnabhagh airson cothrom a thoirt dhaibh beachdachadh air an t-slighe air adhart.

Mun àm seo bha faisg air 30 buidhnean CNP ionadail ann, bha 45 Aonadan Gàidhlig ann agus còrr is mìle pàiste gam frithealadh. Adhartas nach bu bheag ann an 8 bliadhna. Bha na pàrantan air an stamp fhèin a chur air siostam foghlam na h-Alba agus cha robh dol air ais ann tuilleadh. Bha iad airidh air co-labhairt a chur air dòigh dhaibh agus tha e inntinneach an-diugh a bhith a' coimhead ri pàipearan na co-labhairt sin agus a' beachdachadh air dè na h-uallaich a bh' orra aig an àm sin.  Uill, dè bha dèanamh dragh do phàrantan 20 bliadhna air ais? A-rèir nam pàipearan bha gu leòr, ach am measg nam prìomh fheadhainn bha – gainnead luchd-teagaisg; FTMG aig ìre na h-àrd-sgoile; FTMG agus clann le feumalachdan sònraichte; gainnead stuthan-teagaisg......Ciamar a b' urrainn an guth a dhèanamh na bu làidire airson cothachadh ris na duilgheadasan a bha fa 'n comhair? Gu h-aona ghuthach, mhol na pàrantan aig a' cho-labhairt sin gum bitheadh Buidheann Nàiseanta aca dhaibh pèin – air an stèidheachadh gu laghail le an luchd-obrach fhèin. Dh' iarr iad taic CNAG airson seo a thoirt gu buil.

Agus, mar a dh' iarr thachair oir, dìreach taobh a-staigh bliadhna, anns an t- Samhain 1994 aig co-labhairt ann an Inbhir Nis, chaidh CNP Nàiseanta a chuir air chois le gealltanas bho CNAG gum faigheadh iad maoineachadh airson Oifigear Phàrant ann an ùine nach biodh fada. Chùm CNAG ri 'n gealladh agus tha e na thoileachas dhòmhsa a bhith faicinn gu bheil Oifigear Phàrant ann fhathast a' dèanamh obair phrìseil às leth nam pàrantan.

Tha cuimhne ro mhath agamsa aig an àm a' chasaid ga chur às leth CNAG, agus gu h-àraidh tro na meadhanan, gun do chuir CNAG an t-uallach a bha còir a bhith orra fhèin air na pàrantan. Ach, bho mo shealladh-sa, cha robh iad a' tuigsinn na cùise. Is ann aig na pàrantan a bha a' chumhachd an uair a thigeadh e gu foghlam an cuid chloinne, cha b' ann aig CNAG. Cha bhruidhinn duine às leth phàrantan cho math agus cho èifeachdach ris na pàrantan fhèin. Gheibheadh iadsan cluas-èisteachd – gu h-àraidh cluas phoilitigeach – nuair nach fhaigheadh CNAG. Cha b' e buidheann phàrant a bh' ann an CNAG ged a bha iad deònach an taic a chumail riutha. 

Agus, nach math an-diugh gu bheil an leithid de bhuidheann ann agus tha mo bheannachd aca airson na tha iad air a choilionadh às leth ar cànan. Bha lèirsinn aca, bha creideas aca agus bha dìlseachd aca a thug chun an seo sinn. Mar a thuirt CNAG air a' chiad leabhran fiosrachaidh a rinn iad do phàrantan, “Taic nam pàrant – neart na Gàidhlig”. Agus, 's e mo ghuidhe agus mo dhùrachd dhuibh an-diugh gun cùm sibh a' dol mar bhuidheann phroifeiseanta oir tha feum oirbh fhathast agus, chan eil teagamh nach bi feum oirbh anns na bliadhnaichean air thoiseach, eadhon ged a tha an saoghal agaibh air atharrachadh gu mòr oir 's e cor an t-saoghail agus cor foghlaim a bhith ag atharrachadh.

Tha toradh obair agus saothair nam pàrant a' bruidhinn às a leth fhèin. Tha e sealltainn an rud a thèid a choilionadh an uair a tha lèirsinn ann agus an uair a tha ro-innleachd agus structaran-taice ann airson an lèirsinn sin a thoirt gu buil. Tha e sealltainn na thig gu buil an uair a tha daoine ag obair còmhla, an uair a tha co-obrachadh ann. Agus, gun teagamh, bha sin ann oir, an dèidh molaidhean Aithisg Cor Na Gàidhlig, bha co-obrachadh a' gabhail àite aig a h-uile ìre de dh' fhoghlam. Mar eiseamplair:

  • • Bha 5 buidhnean eadar-roinneil ann a bha a' coinneachadh gu tric bho ìre phoilitigeach;  ìre Oifigear; ìre luchd-teagaisg – bun-sgoil is àrd-sgoil; ìre foghlam-coimhearsnachd.
  • • A thuilleadh air an sin bha Buidheann Adhartachaidh Foghlam Gàidhlig aig CNAG fhèin a bha toirt ri chèile gach buidheann a bha cudromach do dh' fhoghlam Gàidhlig – na pàrantan nam measg.

Gu dearbh, is fìor a ràdh gur ann tron a' cho-obrachadh sin a thàinig goireasan mar Stòrlann gu bith. Cuideachd, a' bhuidheann rannsachaidh Lèirsinn aig SMO a ghabh os làimh dha na comhairlean an rannsachadh a bha deatamach dhaibh airson FTMG a chur air bunait sheasmhach. Is ann tromhpa cuideachd a thàinig na siostaman ùra trèanaidh airson luchd-teagaisg na Gàidhlig a th' againn fhathast. Is ann tromhpa a dhìon sinn còirichean na Gàidhlig mu choinneamh atharraichean ùra bha gabhail àite ann am foghlam. Is ann tromhpa bha poileasaidhean agus ro-innleachdan airson adhartas gan dealbh.

Chan eil mi smaoineachadh gun cuireadh duine “fragmented and isolated effort” às ar leth. 

Agus b' e sin a chàirdean an latha an-dè. Ach, dè mu dheidhinn an latha màireach?

Mu choinneamh na ceiste sin tha mi dol a thilleadh air ais far an do thòisich mi – gu aithisg Cor Na Gàidhlig – agus tha mi dol a chur na ceist': Dè cor na Gàidhlig an-diugh? Dè a cor ann an 2015?

Nam biodh rannsachadh mhionaideach air a dhèanamh an dèidh an cunntas-sluaigh mu dheireadh againn, saoil dè bhiodh innte? 

Bhiodh tòrr de rudan misneachail innte, tha sin cinnteach, oir tha sinn air an t-uabhas a choilionadh bho thòisich FTMG 30 bliadhna air ais. Gu dearbh, tha mi cinnteach nach eil mion-shluagh eile ann, chan eil anns an Roinn Eòrpa cò-dhiù, a rinn uidhir às leth a' chànain ac' agus a rinn sluagh na Gàidhlig. Chuir iad obair mhòr às an dèidh bho 1982 agus an diugh, faic dè th' againn:

  • Tha 3 sgoiltean Ghàidhlig againn (a thuilleadh air 60 Aonad) agus dùil ris an tuilleadh.
  • Tha Bòrd na Gàidhlig againn.
  • Tha Achd na Gàidhlig againn a thug dhuinn an dìon laghail a bha sinn a' sireadh airson na choilean sinn.
  • Tha dleastanasan air comhairlean agus prìomh bhuidhnean planaichean Gàidhlig a bhith aca.
  • Chan fheum sinn tuilleadh a bhith a' dèiligeadh ri Westminster oir tha Pàrlamaid againn a-nise ann an Alba.
  • Fhuair sinn mu dheireadh inbhe thèarainte.
  •  Fhuair sinn cuideachd BBC Alba.

Dh' fhaodainn cumail orm........

Saoil, mar sin, nach eil a h-uile càil againn a bha sinn ag iarraidh? An taca ri suidheachadh 1982, tha.

Ach, bha aon rud aca ann an 1982 nach eil againne an-diugh ann an 2015 agus 's e sin 80,000 neach a bha labhairt na Gàidhlig. Mar sin, chan eil ar cuid obrach seachad fhathast. Tha na h-àireamhan againn air a dhol sìos.

Thog “Cor Na Gàidhlig” ann an 1982 air 2 uireasbhaidh sònraichte a bha a' cur bacadh air leasachadh aig an àm sin. Saoil dè na h-uireasbhaidhean bunaiteach a bhiodh ann an cunntas 2015?  Neo, a bheil uireasbhaidhean fhathast oirnn?

Uill, a chàirdean,'s e sibhse a tha cho dìcheallach an-diugh ag obair às leth a' chànain is urrainn a' cheist sin a fhreagairt nas fheàrr na duin' eile agus tha mise a' coimhead air adhart ris na beachdan agaibh a chluinntinn anns na buidhnean-obrach mar a thèid an latha air adhart. Dè tha sibhse smaoineachadh? Dè lèirsinn a th' ann airson nam bliadhnaichean air thoiseach? Dè fhathast tha dhìth airson tèarainteachd ar cànan a dhèanamh cinnteach? 

Tapadh leibh airson èisteachd. 

Mairead Nicìomhair

Questions from the audience

Facebook

 

Còraichean © 2017 Comann nam Pàrant | Gach còir glèidhte