Clasaichean 1-3

BBC iPlayer – Cartùnaichean
https://www.bbc.co.uk/iplayer/group/p0884y5n 
Cartùnaichean Gàidhlig do chloinn. Dòigh mhath air cothrom a thoirt dhaibh Gàidhlig a chluinntinn.

 

Clasrum air an òir
https://www.facebook.com/groups/1114725838907921/
Buidheann Facebook le bhideothan de chloinn an sàs ann an gnìomhan, obair is geamannn Gàidhlig, air a ruith le tidsear Gàidhlig.

Cluichidh sinn còmhla
https://elchighland.com/gaelic-education/
Goireas ùr aig Coimhairle na Gàidhealtachd far a bheil clàran de bheachdan agus cuspairean an urrainn dhuibh a dhèanamh leis a’ chloinn agus ceanglaichean gu làraichean-lìn eile. Tha na clàran air a sgàradh ann an cuspairean, Litearrachd, Àireamhachd & Matamatig, Slàinte & Sunnd agus Eolas Sòisealta.  

CnaG Na h-Eileanan Siar
https://www.facebook.com/CnaG-na-h-Eileanan-an-Iar-111581427180429/ - CnaG Na h-Eileanan Siar. 
Tha na h-Oifigearan CnaG air Duilleag FaceBook a dhèanamh còmhla. Tha measgaideach de fhilmeachan le bèiceireachd, farpais-cheist ball-coise agus dùbhlain. Le barrachd ri thighinn!

Dealbh Is Facal
Air làrach-lìn Chomann nam Pàrant
10 duilleagan A4 le ainmean Gàidhlig airson stuthan làitheil. Glè mhath airson a' cur suas tìmcheall an taighe gus barrachd Gàidhlig a cleachdadh aig an taigh. 

E-Reader
https://gaelicbooks.org/index.php
Tha Comhairle nan Leabhraichean agus Giglets air a bhith ag obair còmhla gus leabhraichean a thabhainn do dhuine sam bith. Dh’fheumadh tu clàradh a dhèanamh an toiseach ach an uair sin tha taghadh mòr agad air diofar leabhraichean ri leughadh airson diofar aoisean.

FC Sonas
https://www.youtube.com/channel/UC9HFUF2rIYTbM9EyPIrzyAQ
Seanail ùr air a chruthachadh le Calum MacFhearghais agus Dòmhnall Forbais. Tha dùbhlain ball-coise ann gach seachdainn – uile as a’ Ghàidhlig. ‘S urrainn dhut na bhideothan agad fhèin a chur suas cuideachd. Nach leanaibh orra air Facebook is Twitter cuideachd – FC Sonas.

Gaelic4Parents
https://www.gaelic4parents.com 
Tha an t-uabhas ghoireasan rim faighinn an seo airson diofar aoisean, leithid leabhraichean claistinneach, òrain, faclan, duilleagan-obrach Gàidhlig agus Taic Obair-dachaigh Beò gach latha eadar 5-7f tron teirm sgoile. Ma tha sibh gan leantainn air Facebook, tha stuthan rim faighinn an sin.

Gàidhlig air loidhne le Shona
https://www.facebook.com/Gàidhlig-air-loidhne-le-Shona-geamaichean-ealain-spòrs-107528404226129/
Tha an t-Oifigear CnaG ann an Inbhir Nis air a chruthachadh duilleag Facevook seo far a bheil i a’ dèanamh fhilmeachan beò le Ealain, Farpais-Cheist agus Geamaichean. Tòrr spòrs airson gach aois agus an teaghlach air fad!

Leugh & Seinn le Linda
https://www.youtube.com/watch?v=8DjkWkjC1Mk 
Leugh & Seinn le Linda. Seanail YouTube far a bheil Linda NicLeòid a’ lìbhrigeadh bùth-obrach leugaidh is seinn air seanail Chomhairle nan Leabhraichean. Bidh i ri faicinn beò gach Diardaoin aig 10m do chloinn aois 0-5 agus a-rithist aig 10.30m do chloinn aois 5-8.

The Lion, The Witch and the Wardrobe in Gaelic!
https://www.youtube.com/watch?v=pQLkSDCx2bE
Gach Diluain agus Diardaoin aig 2f, tha Màiri Anna NicUalrag a’ leughadh an eadar-theagachadh ùr, An Leòmhann, A’ Bhuidseach agus Am Preas-Aodach. Cùm suil air Facebook is Twitter cuideachd.

Miss MacDonald
https://www.youtube.com/channel/UCVxFu8TsYxAobQ-rGnuGVog
Sianal Youtube airson pàrantan le cloinn ann an FMG le Kristina NicDhòmhnaill, tidsear Clas 1 ann an Ath-thaigh Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu ann am Baile Ghobhainn. Tha òrain, stòraidhean agus rudan spòrsail eile air.

Miss MacKinnon – YouTube Channel 
https://www.youtube.com/channel/UCbO3mjyLcWw27eCj2HPXFCQ 
Sianal YouTube le sgeulachdan, beachdan sgrìobhaidh agus òrain gu sònraichte airson bliadhnaichean nas òige.

Padlet - https://padlet.com/

https://padlet.com/foghlamgaidhlig/n4yspc3f8zs4?fbclid=IwAR12cj4oRnKXXJXSWw0Hl0juBSC6OMAz4m6a7OJtUTzhVO16OcpF0dJ9D54  
Seo liosta de stuthan a tha rim faighinn air-loidhne agus thathar ga ùrachadh gach uair a thig goireas ùr am bàrr. Chaidh a chruthachadh le tidsear a tha air na goireasan a chur ann an òrdugh a rèir chuspairean agus tha beagan fiosrachaidh ann mu na tha gach goireas a’ tabhann.

https://padlet.com/ingeborg_birnie/
Padlet eile làn ghoireasan! Tha measgaich de Ghoireasan Gàidhlig airson Bun Sgoil agus Àrd-Sgoil le goireasan cuideachd airson luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig.

Sgoil Stafainn
https://www.facebook.com/Sgoil-Stafainn-2148140462072335 
bhideothan teagaisg bho thidsearan à Sgoil Stafainn san Eilean Sgitheeanach air an duilleag Facebook aca

Stay Strong and Safe
http://safestrongandfree.org.uk/wp-content/
Goireas air leth a tha a-nis ri fhaighinn sa Ghàidhlig – an tè seo airson Prìomh a h-Aon gu h-àraid. Ionnsaich a’ chlann mu fhaireachdainnean, buirreaidheachd, daoine sàbhailte nar beatha am measg iomadh rudan eile.

Facebook

 

Còraichean © 2020 Comann nam Pàrant | Gach còir glèidhte