Ìre Àrd-sgoile

BBC

BBC Bitesize
https://www.bbc.co.uk/bitesize/subjects/zgj2tfr 
Stuthan Gàidhlig bho BBC Bitesize airson gach aois san àrd-sgoil agus cuideachd airson Gàidlhig (luchd-ionnsachaidh)

Ionnsaich le BBC Alba
https://www.bbc.co.uk/programmes/p087fhw2 
An t-uabhas ghoireasan rim faotainn do chloinn aig gach ìre sgoile. Bhideothan goirid ann an Gàidhlig air mòran chuspairean leithid Matamataig, Litearrachd, Saidheans agus Cuspairean Sòisealta. Tha mòran stuthan ann airson ìre àrd-sgoile airson Nàiseanta 4, Nàiseanta 5, Àrd-Ìre agus Àrd-Ìre Adhartach agus cuideachd airson Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh).

CnaG Na h-Eileanan Siar
https://www.facebook.com/CnaG-na-h-Eileanan-an-Iar-111581427180429/ - CnaG Na h-Eileanan Siar. 
Tha na h-Oifigearan CnaG air Duilleag FaceBook a dhèanamh còmhla. Tha measgaideach de fhilmeachan le bèiceireachd, farpais-cheist ball-coise agus dùbhlain. Le barrachd ri thighinn!

E-Reader
https://gaelicbooks.org/index.php
Tha Comhairle nan Leabhraichean agus Giglets air a bhith ag obair còmhla gus leabhraichean a thabhainn do dhuine sam bith. Dh’fheumadh tu clàradh a dhèanamh an toiseach ach an uair sin tha taghadh mòr agad air diofar leabhraichean ri leughadh airson diofar aoisean.

FC Sonas
https://www.youtube.com/channel/UC9HFUF2rIYTbM9EyPIrzyAQ
Seanail ùr air a chruthachadh le Calum MacFhearghais agus Dòmhnall Forbais. Tha dùbhlain ball-coise ann gach seachdainn – uile as a’ Ghàidhlig. ‘S urrainn dhut na bhideothan agad fhèin a chur suas cuideachd. Nach leanaibh orra air Facebook is Twitter cuideachd – FC Sonas.

FilmG
http://filmg.co.uk/en/ 
cruinneachadh de fhilmeachan ri làimh aig àm sam bith! Tha gach film bho FilmG bhon bhliadhna seo agus gach bliadhna eile rim faighinn ann an aon àite. Gnìomh spòsrail a bheir cothrom do chloinn filmichean a choimhead agus na filmichean aca fhèin no aig na sgoiltean aca a lorg!

Gàidhlig air loidhne le Shona
https://www.facebook.com/Gàidhlig-air-loidhne-le-Shona-geamaichean-ealain-spòrs-107528404226129/
Tha an t-Oifigear CnaG ann an Inbhir Nis air a chruthachadh duilleag Facevook seo far a bheil i a’ dèanamh fhilmeachan beò le Ealain, Farpais-Cheist agus Geamaichean. Tòrr spòrs airson gach aois agus an teaghlach air fad!

Padlet - https://padlet.com/

https://padlet.com/ingeborg_birnie/
Padlet eile làn ghoireasan! Tha measgaich de Ghoireasan Gàidhlig airson Bun Sgoil agus Àrd-Sgoil le goireasan cuideachd airson luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig.

https://padlet.com/gaidhligguleor/GaelicLearners
Padlet Gaelic (Learners
) – Goireas ùr le Goireasan Gàidhlig airson dhaoine òga a tha a’ dèanamh Gàidhlig mar luchd-ionnsachaidh aig an Àrd-Sgoil.