Ìre Àrd-sgoile

BBC Bitesize
https://www.bbc.co.uk/bitesize/subjects/zgj2tfr 
Stuthan Gàidhlig bho BBC Bitesize airson gach aois san àrd-sgoil agus cuideachd airson Gàidlhig (luchd-ionnsachaidh)

Ionnsaich le BBC Alba
https://www.bbc.co.uk/programmes/p087fhw2 
An t-uabhas ghoireasan rim faotainn do chloinn aig gach ìre sgoile. Bhideothan goirid ann an Gàidhlig air mòran chuspairean leithid Matamataig, Litearrachd, Saidheans agus Cuspairean Sòisealta. Tha mòran stuthan ann airson ìre àrd-sgoile airson Nàiseanta 4, Nàiseanta 5, Àrd-Ìre agus Àrd-Ìre Adhartach agus cuideachd airson Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh).

E-Reader agus Giglets
https://gaelicbooks.org/index.php
Tha Comhairle nan Leabhraichean agus Giglets air a bhith ag obair còmhla gus leabhraichean a thabhainn do dhuine sam bith. Dh’fheumadh tu clàradh a dhèanamh an toiseach ach an uair sin tha taghadh mòr agad air diofar leabhraichean ri leughadh airson diofar aoisean.

FC Sonas
https://www.facebook.com/FCSonas2020/
Seanail air a chruthachadh le Calum MacFhearghais agus Dòmhnall Forbais. Tha e a' toirt Gàidhlig agus ball-coise còmhla ann an dòigh spòrsail agus inntinneach. Leanaibh orra air Facebook is Twitter airson an naidheachd agus na pròiseactan as ùire fhaicinn. 

Our Dynamic Earth 
https://www.dynamicearthonline.co.uk/gaelic
Cruinneachadh de ghoireasan STEM làn fiosrachaidh agus cur-seachdainean le Our Dynamic Earth. Tha cuid de na goireasan air eadar-theangachadh gu Gàidhlig agus bidh barrachd ann as na seachdainean ri thighinn.

Padlet - https://padlet.com/

https://padlet.com/gaidhligguleor/GaelicLearners
Padlet Gaelic (Learners
) – Goireas ùr le Goireasan Gàidhlig airson dhaoine òga a tha a’ dèanamh Gàidhlig mar luchd-ionnsachaidh aig an Àrd-Sgoil.

Facebook

 

Còraichean © 2021 Comann nam Pàrant | Gach còir glèidhte