Clasaichean 4-7

BBC

Ionnsaich le BBC Alba
https://www.bbc.co.uk/programmes/p087fhw2 
An t-uabhas ghoireasan rim faotainn do chloinn aig gach ìre sgoile. Bhideothan goirid ann an Gàidhlig air mòran chuspairean leithid Matamataig, Litearrachd, Saidheans agus Cuspairean Sòisealta. Tha mòran stuthan ann airson ìre àrd-sgoile airson Nàiseanta 4, Nàiseanta 5, Àrd-Ìre agus Àrd-Ìre Adhartach agus cuideachd airson Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh).

Cluichidh sinn còmhla
https://elchighland.com/gaelic-education/
Goireas ùr aig Coimhairle na Gàidhealtachd far a bheil clàran de bheachdan agus cuspairean an urrainn dhuibh a dhèanamh leis a’ chloinn agus ceanglaichean gu làraichean-lìn eile. Tha na clàran air a sgàradh ann an cuspairean, Litearrachd, Àireamhachd & Matamatig, Slàinte & Sunnd agus Eolas Sòisealta.  

CnaG Na h-Eileanan Siar
https://www.facebook.com/CnaG-na-h-Eileanan-an-Iar-111581427180429/ - CnaG Na h-Eileanan Siar. 
Tha na h-Oifigearan CnaG air Duilleag FaceBook a dhèanamh còmhla. Tha measgaideach de fhilmeachan le bèiceireachd, farpais-cheist ball-coise agus dùbhlain. Le barrachd ri thighinn!

E-Reader
https://gaelicbooks.org/index.php
Tha Comhairle nan Leabhraichean agus Giglets air a bhith ag obair còmhla gus leabhraichean a thabhainn do dhuine sam bith. Dh’fheumadh tu clàradh a dhèanamh an toiseach ach an uair sin tha taghadh mòr agad air diofar leabhraichean ri leughadh airson diofar aoisean.

FC Sonas
https://www.youtube.com/channel/UC9HFUF2rIYTbM9EyPIrzyAQ
Seanail ùr air a chruthachadh le Calum MacFhearghais agus Dòmhnall Forbais. Tha dùbhlain ball-coise ann gach seachdainn – uile as a’ Ghàidhlig. ‘S urrainn dhut na bhideothan agad fhèin a chur suas cuideachd. Nach leanaibh orra air Facebook is Twitter cuideachd – FC Sonas.

FilmG
http://filmg.co.uk/en/ cruinneachadh de fhilmeachan ri làimh aig àm sam bith! Tha gach film bho FilmG bhon bhliadhna seo agus gach bliadhna eile rim faighinn ann an aon àite. Gnìomh spòsrail a bheir cothrom do chloinn filmichean a choimhead agus na filmichean aca fhèin no aig na sgoiltean

Gaelic4Parents
https://www.gaelic4parents.com 
Tha an t-uabhas ghoireasan rim faighinn an seo airson diofar aoisean, leithid leabhraichean claistinneach, òrain, faclan, duilleagan-obrach Gàidhlig agus Taic Obair-dachaigh Beò gach latha eadar 5-7f tron teirm sgoile. Ma tha sibh gan leantainn air Facebook, tha stuthan rim faighinn an sin.

Gàidhlig air loidhne le Shona
https://www.facebook.com/Gàidhlig-air-loidhne-le-Shona-geamaichean-ealain-spòrs-107528404226129/
Tha an t-Oifigear CnaG ann an Inbhir Nis air a chruthachadh duilleag Facevook seo far a bheil i a’ dèanamh fhilmeachan beò le Ealain, Farpais-Cheist agus Geamaichean. Tòrr spòrs airson gach aois agus an teaghlach air fad!

The Lion, The Witch and the Wardrobe in Gaelic!
https://www.youtube.com/watch?v=pQLkSDCx2bE
Gach Diluain agus Diardaoin aig 2f, tha Màiri Anna NicUalrag a’ leughadh an eadar-theagachadh ùr, An Leòmhann, A’ Bhuidseach agus Am Preas-Aodach. Cùm suil air Facebook is Twitter cuideachd.

My Hebridean Handbook 
http://lanntair.com/wp-content/uploads/2020/04/Hebridean-Handbook-On-the-Shore-compressed.pdf 
goireas snog airson teaghlachan a tha a’ fuireach ri taobh na mara. Tha dealbhan snog agus stuth ri dhèanamh nuair a tha sibh a-mach air a’ chladaich. Tha an leabhar beag seo sgrìobhte as a’ Bheurla ach le stiùireadh agus faclan sònraichte as a’ Ghàidhlig.

Padlet - https://padlet.com/

https://padlet.com/foghlamgaidhlig/n4yspc3f8zs4?fbclid=IwAR12cj4oRnKXXJXSWw0Hl0juBSC6OMAz4m6a7OJtUTzhVO16OcpF0dJ9D54 
Seo liosta de stuthan a tha rim faighinn air-loidhne agus thathar ga ùrachadh gach uair a thig goireas ùr am bàrr. Chaidh a chruthachadh le tidsear a tha air na goireasan a chur ann an òrdugh a rèir chuspairean agus tha beagan fiosrachaidh ann mu na tha gach goireas a’ tabhann.

https://padlet.com/ingeborg_birnie/
Padlet eile làn ghoireasan! Tha measgaich de Ghoireasan Gàidhlig airson Bun Sgoil agus Àrd-Sgoil le goireasan cuideachd airson luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig.

Sgoil Stafainn
https://www.facebook.com/Sgoil-Stafainn-2148140462072335 
bhideothan teagaisg bho thidsearan à Sgoil Stafainn san Eilean Sgitheeanach air an duilleag Facebook aca