Clasaichean 1-3
BBC Alba
Goireasan Gàidhlig bho Bitesize air Àireamhachd is Matamataig, Saidheans, Slàinte agus sunnd agus Cuspairean sòisealta - a leithid Aimsir agus Caistealan. Do sgoilearan bun-sgoile air Clasaichean 2-4.
Saidheansan: https://www.bbc.co.uk/bitesize/subjects/zjwbd6f
Cuspairean sòisealta: https://www.bbc.co.uk/bitesize/subjects/z7kwcqt
Slàinte agus sunnd: https://www.bbc.co.uk/bitesize/topics/zhfcvwx
Àireamhachd agus Matamataig: https://www.bbc.co.uk/bitesize/subjects/zrghbdm
Cluichidh sinn còmhla
https://elchighland.com/gaelic-education/
Goireas ùr aig Coimhairle na Gàidhealtachd far a bheil clàran de bheachdan agus cuspairean an urrainn dhuibh a dhèanamh leis a’ chloinn agus ceanglaichean gu làraichean-lìn eile. Tha na clàran air a sgàradh ann an cuspairean, Litearrachd, Àireamhachd & Matamatig, Slàinte & Sunnd agus Eolas Sòisealta.
CnaG Na h-Eileanan Siar
https://www.facebook.com/CnaG-na-h-Eileanan-an-Iar-111581427180429/ - CnaG Na h-Eileanan Siar.
Tha na h-Oifigearan CnaG air Duilleag FaceBook a dhèanamh còmhla. Tha measgaideach de fhilmeachan le bèiceireachd, farpais-cheist ball-coise agus dùbhlain. Le barrachd ri thighinn!
E-Reader agus Giglets
https://gaelicbooks.org/index.php
Tha Comhairle nan Leabhraichean agus Giglets air a bhith ag obair còmhla gus leabhraichean a thabhainn do dhuine sam bith. Dh’fheumadh tu clàradh a dhèanamh an toiseach ach an uair sin tha taghadh mòr agad air diofar leabhraichean ri leughadh airson diofar aoisean.
FC Sonas
https://www.facebook.com/FCSonas2020/
Seanail air a chruthachadh le Calum MacFhearghais agus Dòmhnall Forbais. Tha e a' toirt Gàidhlig agus ball-coise còmhla ann an dòigh spòrsail agus inntinneach. Leanaibh orra air Facebook is Twitter airson an naidheachd agus rudan as ùire fhaichinn.
Gaelic4Parents
https://www.gaelic4parents.com
Tha an t-uabhas ghoireasan rim faighinn an seo airson diofar aoisean, leithid leabhraichean claistinneach, òrain, faclan, duilleagan-obrach Gàidhlig agus Taic Obair-dachaigh Beò gach latha eadar 5-7f tron teirm sgoile. Ma tha sibh gan leantainn air Facebook, tha stuthan rim faighinn an sin.
Gàidhlig air loidhne le Shona
https://www.facebook.com/Gàidhlig-air-loidhne-le-Shona-geamaichean-ealain-spòrs-107528404226129/
Tha an t-Oifigear CnaG ann an Inbhir Nis air a chruthachadh duilleag Facevook seo far a bheil i a’ dèanamh fhilmeachan beò le Ealain, Farpais-Cheist agus Geamaichean. Tòrr spòrs airson gach aois agus an teaghlach air fad!
Miss MacDonald
https://www.youtube.com/channel/UCVxFu8TsYxAobQ-rGnuGVog
Sianal Youtube airson pàrantan le cloinn ann an FMG le Kristina NicDhòmhnaill, tidsear Clas 1 ann an Ath-thaigh Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu ann am Baile Ghobhainn. Tha òrain, stòraidhean agus rudan spòrsail eile air.
Mrs Quinn
https://www.youtube.com/channel/
Seanail Youtube le bhideothan de tidsear Gàidhlig a’ teagasg mu Fhuaimneachas agus matamataigs airson sgoilearan ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig. Freagarrach airson C1/2.
Our Dynamic Earth
https://www.dynamicearthonline.co.uk/gaelic
Cruinneachadh de ghoireasan STEM làn fiosrachaidh agus cur-seachdainean le Our Dynamic Earth. Tha cuid de na goireasan air eadar-theangachadh gu Gàidhlig agus bidh barrachd ann as na seachdainean ri thighinn.
Padlet - Gàidhlig airson Pàrantan
https://padlet.com/foghlamgaidhlig
Cruinneachadh slàn de ghoireasan airson sgoil-àraich agus sgoilearan bun sgoil ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig. Tha 17 diofar cuspairean uile ri chèile.
Padlet - Goireasan FMG airson an trath ìre & a' chiad ìre
https://padlet.com/annquinn1985
Cruinneachadh slàn de ghoireasan chruthachail do sgoilearan aig an trath ìre agus a' chiad ìre.
Stay Strong and Safe
http://safestrongandfree.org.uk/wp-content/
Goireas air leth a tha a-nis ri fhaighinn sa Ghàidhlig – an tè seo airson Prìomh a h-Aon gu h-àraid. Ionnsaich a’ chlann mu fhaireachdainnean, buirreaidheachd, daoine sàbhailte nar beatha am measg iomadh rudan eile.