Cànan - Language
Goireasan Covid-19
Covid-19 Taic do theaghlaichean ann am FMG
Aig àm a tha na dhùbhlan dhan h-uile neach agus nuair a tha an t-uabhas ag atharrachadh gu mòr nar dòigh beatha, thathar ag iarraidh cuideachd air pàrantan a bhith a’ toirt taic dhan cuid chloinne a thaobh ionnsachadh aig an taigh airson an còrr dhen bhliadhna sgoile.
Tha sinn mothachail gu bheil sgoiltean is tidsearan ag obair cruaidh gus dèanamh cinnteach gun tèid aig clann air obair-sgoile a choileanadh aig an taigh agus tha sinn cuideachd air tidsearan, buidhnean is daoine fa leth fhaicinn a’ co-roinn stuthan ionnsachaidh anns na meadhanan sòisealta airson sgoilearan a chuideachadh le bhith ag ionnsachadh san dachaigh.
Goireasan airson FMG
Tha diofar stuthan rim faotainn airson sgoilearan FMG, agus tha sin ri mholadh, ach tha fhios againn gu bheil gu math doiribh do chuid de na pàrantan a thaobh dè cho freagarrach sa tha na goireasan airson aois is ìre an cuid chloinne.
Air an duilleag seo ‘Taic do phàrantan: Covid 19’ tha sinn a’ tabhann beagan a bharrachd fiosrachaidh a thaobh na goireasan a tha rim faotainn agus tha iad air an liostadh a rèir aois, bho ro-sgoile suas gu ìre àrd-sgoile.
Bileagan Gàidhlig |
Cairtean-puist fiosrachaidh |
||
![]() |
Tha sinn cuideachd air ar duilleag Goireasan Taic againn fhèin a stèidheachadh a tha a’ toirt a-steach Dealbh Is Facal — 10 duilleagan A4 le ainmean Gàidhlig airson stuthan laitheil a dh'fhaodas sibh a ghearradh a-mach agus a' cur tìmcheall an taighe. |
![]() ![]() ![]() |
Tha an duilleag Goireasan Taic a’ toirt a-steach an t-sreath de chairtean-puist fiosrachaidh againn a tha ag amas air pàrantan a tha ùr do FMG. Tha molaidhean Aca airson a Bhith a' cleachdadh Gàidhlig aig an taigh, Do’s and Don’ts, Cò a th’ ann agus Ceanglaichean Feumail.
Is e faidhlichean PDF a tha seo le ceanglaichean agus mar sin na làraich-lìn agus fiosrachadh a dh’fheumas tu dìreach beagan chlican air falbh. |
Tha sinn an dòchas gum bi seo feumail do phàrantan. Bidh sinn ag ùrachadh an fhiosrachaidh tric nuair a thig stuthan ùra am bàrr.
Faodaidh sibh cuideachadh le bhith a’ cur thugainn na goireasan a tha ag obair dhan theaghlach agaibhse tron duilleag Facebook againn (tadhal air an duilleag Air Facebook fon taba ‘Naidheachd’ againn), le bhith a’ cur teachdaireachdan thugainn an sin no tron duilleag Cuir Fios.
Gheibh sibh fiosrachadh mun chorona bhìoras san fharsaingeachd aig https://www.nhsinform.scot/coronavirus