Bun-sgoil

Tha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig sa bhun-sgoil a’ cleachdadh na Gàidhlig airson an ionnsachaidh is teagaisg gu lèir, anns gach cuspair sgoile, agus modhan bogaidh gan cur gu feum ann am P1 agus P2. Mar as tric thathar a’ tòiseachadh air leughadh agus sgrìobhadh sa Bheurla bho P3 ach ’s i Gàidhlig fhathast prìomh chànain a’ chlas tro foghlam na bun-sgoile. Tha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ag amas, le stiùir nàiseanta an Riaghaltais, air clann a thoirt gu fileantachd sa Ghàidhlig agus sa Bheurla mus fàg iad a’ bhun-sgoil. Anns an fharsaingeachd tha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig air a lìbhrigeadh ann an roinnean Gàidhlig taobh a-staigh sgoiltean Beurla ach tha sgoiltean Gàidhlig cuideachd ann an cuid de sgìrean.

Tha an àireamh de sgoilearan ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig aig ìre bun-sgoil air meudachadh bho 24 ann an 1985 ann an 2 sgoil gu còrr is 2,500 ann am bliadhna sgoile 2012-13 ann an 60 sgoiltean.

A bheil foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a’ cur bacadh air ìre leasachaidh chloinne?

Chan eil. Tha rannsachadh a’ sealltainn gu bheil clann ann am foghlam dà-chànanach a’ dèanamh a cheart cho math ri clann eile anns gach cuspair, a’ gabhail a-steach Beurla.

Ciamar is urrainn dhomh taic a thoirt do dh’fhoghlam mo phàiste nuair nach eil Gàidhlig agam fhèin?

Thoir taic dha do phàiste le ùidh a thogail san fhoghlam aca agus ann an nas urrainn dhut de ghnothaichean Gàidhlig – telebhisean, rèidio, gnìomhachd as dèidh na sgoile agus tachartasan sòisealta.  Tha mòran chothroman ann airson pàrantan beagan den Ghàidhlig ionnsachadh, tric ann an clasaichean gu sònraichte airson pàrantan.

Is toigh leam a bhith a’ leughadh ri mo phàiste aig an taigh.  Ciamar is urrainn do phàrantan seo a dhèanamh mur eil iad fileanta sa Ghàidhlig?

Is urrainn dhut iasad de leabhraichean Gàidhlig air teip iarraidh bhon sgoil a b’ urrainn dhut a chleachdadh còmhla ri do phàiste agus tha feadhainn de leabhraichean ann far is urrainn dhut èisteachd air an eadar-lìon, mar eisimpleir air làrach-lìn phàrantan www.gaelic4parents.com. Chan eil adhbhar sam bith carson nach leugh thu dhaibh sa Bheurla cuideachd.

Dè am buaidh a bhios aig foghlam tro mheadhan na Gàidhlig air Beurla mo phàiste?

Nuair a tha iad a’ tòiseachadh san sgoil tha clann ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig air an teagasg dìreach sa Ghàidhlig agus tha leughadh agus sgrìobhadh Beurla air an toirt a-steach san fharsaingeachd bho P3.  Gheibh clann air na sgilean a tha aca ann an aon chànan a chleachdadh sa chànan eile agus le sin thig iad air adhart gu luath  nuair a thòisicheas iad air Beurla a leughadh. Dhearbh rannsachadh a rinn Oilthigh Sruighlea ann an 1999 ‘gun d’ rinn sgoilearan air P7 ann an foghlam tro mheadhan na Gàidhlig nas fheàrr ann am Beurla na sgoilearan ann an foghlam Beurla.’

Tha mo phàiste fileanta sa Ghàidhlig.  Carson bu chòir dhomh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a thaghadh?

Tha FTMG a’ daingneachadh cànan nam fileantach agus gam brosnachadh gus leantainn orra Gàidhlig a’ cleachdadh anns a h-uile suidheachadh.  Tha e cuideachd a’ toirt cothrom dhaibh a bhith dha rìreabh litearra sa chànan. 

An urrainn do chlann a tha feumach air tuilleadh taic no le feumalachdan sònraichte foghlam tro mheadhan na Gàidhlig fhaighinn?

Is urrainn agus tha iad.  Tha poileasaidhean in-ghabhail fior mhath aig mòran ùghdarrasan ionadail a tha a’ bualadh san aon dòigh air foghlam Gàidhlig agus Beurla.  Bu chòir dhut comhairle fhaighinn bho roinn an fhoghlaim mu feumalachdan ionnsachaidh do phàiste agus dè is urrainn foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a tairgse dhut.

 

Ma bhios aig mo phàiste ri siubhal a dhèanamh gun goireas foghlam tro mheadhan na Gàidhlig as fhaisge, am bi còmhdhail ann?

Tha ùghdarrasan foghlam tric a’ toirt foghlam tro mheadhan na Gàidhlig seachad aig ìre sgìreil agus le sin tha goireasan còmhdhail aca airson clann a bhitheas a’ siubhal seachad air an sgoil ionadail.  Cuiribh fios don ùghdarras ionadail agad fhèin airson tuilleadh fiosrachaidh air goireasan còmhdhail.

Facebook