Foghlam tro Mheadhan na Ghàidhlig

Dè th’ ann?

’S e foghlam tro mheadhan na Gàidhlig aon de na prìomh dhòighean air fileantachd sa Ghàidhlig a ruighinn agus a chumail. Tha seo gu sònraichte fìor mu chlann à teaghlaichean aig nach eil Gàidhlig. Tha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig fosgailte don a h-uile duine, feadhainn aig a bheil Gàidhlig agus feadhainn aig nach eil.

’S urrainn do sgoilearan aig nach eil Gàidhlig bho thùs, gu dearbh a tha à dachaighean agus coimhearsnachdan gun Ghàidhlig, an toirt gu fileantachd sa chànan tro rud ris an canar bogadh. Le bogadh, tha na sgoilearan gan teagasg sa Ghàidhlig a-mhàin, is iad a’ dèanamh na rudan àbhaisteach a bhios clann a’ dèanamh aig an ìre thràth seo dem foghlam – ann an cròileagan, sgoil-àraich agus bun-sgoil. Tha an luchd-teagaisg a’ gabhail gach cothrom sgilean Gàidhlig na cloinne adhartachadh – tro òrain, sgeulachdan, geamaichean agus gu h-àraid tro chluiche.

Tha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a’ neartachadh cànan nam fileantach agus tha e cuideachd gan toirt gu ìre nas àirde ann an sgrìobhadh agus ann an leughadh anns a’ Gàidhlig.

Advice on Gaelic Education - cruth PDF 

Dè cho èifeachdach ’s a tha Foghlam tro mheadhan na Gàidhlig?

Ann an aithisg a chaidh fhoillseachadh às leth Riaghaltas na h-Alba ann an 1999, chaidh na co-dhùnaidhean a leanas a dhèanamh:

“....cha robh clann a bha a’ faighinn foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, ge bith an robh a’ Ghàidhlig na cànain dachaigh no nach robh, air an cumail air ais an coimeas ri clann a bha a’ faighinn oideachadh tro mheadhan na Beurla. Anns a’ mhòr-chuid de shuidhichidhean bha iad a’ dèanamh na b’ fheàrr na clann a bha a’ faighinn foghlam tro mheadhan na Beurla agus, còmhla ri sin, fileanta ann an dà chànan.”

An t-Àrd Oll. Ridseard MacIain
The Attainments of Pupils Receiving Gaelic-medium Primary Education in Scotland
CILT Alba, Oilthigh Shruighlea, 1999

Bhon uairsin sheall rannsachadh a rinn Oilthigh Dhùn Èideann ann an 2010 às leth Bòrd na Gàidhlig;

“Bidh sgoilearan ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, nach eil a’ faighinn Beurla san t-seòmar sgoile gu Prìomh 3 co-dhiù, a’ breith air agus a’ dol seachad air sgoilearan meadhain-Bheurla ann an comasan sa Bheurla. Ro ÀS2, ged nach robh ach dàrna leth nan sgoilearan meadhain-Bheurla air Ìre E, an ìre iomchaidh, a ruighinn ann an leughadh agus sgrìobhadh na Beurla, bha trì cairteal nan sgoilearan meadhain-Ghàidhlig aig an ìre seo.”

Agus

“...nach eil buaidh aig ionnsachadh tro mheadhan na Gàidhlig (mar as trice an dàrna cànan aca) air buileachadh sgoilearan meadhain-Ghàidhlig ann am pàirtean eile den churraicealam.”

Foghlam Tro Mheadhan na Gàidhlig ann an Alba:
Roghainn agus Buileachadh sa Bhun-sgoil agus Tràth san Àrd-sgoil
(ceangal taobh a-muigh, cruth PDF)

’S e an dearbhadh as fheàrr a tha againn air an dòigh-teagaisg seo, gu bheil e a’ sìor fhàs mar a tha barrachd is barrachd phàrantan ga iarraidh. Tha na pàrantan ga iarraidh a chionn ’s gu bheil a’ soirbheachadh leis. Am bliadhna, tha còrr is 3500 duine-cloinne a’ faighinn FTMG, 989 aig ìre fo-aois-sgoile, 2500 sa bhun-sgoil agus 1,104 san àrd-sgoil.

A chionn ’s gu bheil foghlam an cuid-chloinne cho cudromach do phàrantan, tha sinn a’ tuigsinn gum bi iomadh ceist aca mun t-siostam foghlaim seo. Airson na ceistean is trice a nochdas a fhreagairt agus fiosrachadh coileanta a thoirt do phàrantan mu FTMG, tha Comann nam Pàrant agus Bòrd na Gàidhlig air leabhran fiosrachaidh agus Bhidio fhoillseachadh. Airson leth-bhreacan de Fios is Freagairt, a tha saor ’s an asgaidh, brùth an seo airson PDF

Facebook