Comann nam Pàrant aig Ìre Ionadail

Tha buidhnean CnP air am meas cudromach airson iomadach adhbhar;

  • Tha iad a’ toirt phàrantan aig am bheil clann ann am FTMG còmhla airson bruidhinn air cuspairean a tha toirt buaidh air foghlam an cuid-chloinne aig a h-uile ìre
  • ’S urrainn do CnP taic a thoirt don sgoil, ag obair ann an co-bhonn ri Comhairlean Phàrant
  • ’S urrainn do luchd-dreuchd a’ Chomataidh bruidhinn às leth nam pàrantan le ùghdarras. ’S fheàrr le Comhairlean, sgoiltean agus buidhnean eile a bhith a’ dèiligeadh ri riochdairean an àite iomadach duine fa leth
  • Le bonn-stèidh, faodaidh CnP, mar bhuidheann coimhearsnachd, airgead a thionail ann an dòigh nach urrainn an sgoil a dhèanamh
  • ’S urrainn do phàrantan le cloinn ann am FTMG an siostam foghlaim a bhrosnachadh anns an sgìre aca fhèin
  • Tha na buidhnean ag amas ri taic a thoirt do thachartasan tron Ghàidhlig taobh-muigh na sgoile, leithid obair nan Sradagan

Children's School Group

Ciamar a thèid mi an lùib Comann nam Pàrant?

Tha buidheann Comann nam Pàrant anns a’ mhòr-chuid de sgìrean far am faighear foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. Tha na buidhnean fosgailte do phàrant sam bith aig am bheil clann ann an FTMG aig ìre sam bith, agus faodaidh pàrantan coinneamhan choitcheann a fhrithealadh. Ma tha thu ag iarraidh grèim fhaighinn air riochdaire CnP anns an sgìre agad fhèin, cuir fios air an Oifigear Phàrant a bheir dhut ainm agus fiosrachadh.

Ma tha sibh airson buidheann CnP a stèidheachadh anns an sgìre agaibh, tha e furasta gu leòr sin a dhèanamh. Coinnichidh an t-Oifigear Phàrant ri pàrantan san sgìre airson a dhol tro Bhonn-stèidh CnP, mìneachadh a thoirt mun obair aig CnP gu h-ionadail, agus ceistean sam bith a dh’fhaodadh èirigh a fhreagairt. Tha e an uairsin an urra ribh fhèin am bheil sibh airson buidheann a stèidheachadh. Ma tha sibh airson seo a dhèanamh san sgìre agaibh, Tha am post-dealain fo dhìon an aghaidh botaichean spama. Feumaidh tu JavaScript a chus an comas gus fhaicinn. .

Facebook