Cànan - Language

Cuairt-litir

Aithisg Bhliadhnail 2019/20

Aithisg Bhliadhnail | Annual Report 2019-2020

Luchdaich

 Ar cuairt-litir as ùire

Newsletter

Luchdaich (cruth PDF)

 

Fàilte do Chomann nam Pàrant

Fàilte do làrach-lìn Chomann nam Pàrant, am buidheann nàiseanta a tha a’ toirt taic agus comhairle mu fhoghlam tro mheadhain na Gàidhlig do phàrantan.

Tha mu 30 buidheann Comann nam Pàrant (CnP) air feadh Alba, a’ riochdachadh phàrantan aig a bheil clann a tha a’ faighinn foghlam tro mheadhan na Gàidhlig aig diofar ìrean, bho chròileagan gu àrd-sgoil. ’S e prìomh amas gach buidheann "a bhith a’ cur air adhart agus a’ toirt taice do stèidheachadh is cumail suas foghlam tro mheadhan na Gàidhlig". ’S ann air sàillibh strì phàrantan a thòisich foghlam tro mheadhan na Gàidhlig (FTMG) ann an 1985.Tha a’ mhòr-chuid de chloinn a tha ann an FTMG a’ tighinn à dachaighean far nach eil a’ Ghàidhlig ga cleachdadh.

Air an làrach againn gheibh sibh fiosrachadh mu fhoghlam tro mheadhain na Gàidhlig, bileagan comhairleachaidh agus aithisgean agus naidheachdan air obair Chomann nam Pàrant.  

COVID-19
Taic do theaghlaichean ann am FMG

Aig àm a tha na dhùbhlan dhan h-uile neach agus nuair a tha an t-uabhas ag atharrachadh gu mòr nar dòigh beatha, thathar ag iarraidh cuideachd air pàrantan a bhith a’ toirt taic dhan cuid chloinne a thaobh ionnsachadh aig an taigh airson an còrr dhen bhliadhna sgoile.  Tha sinn mothachail gu bheil sgoiltean is tidsearan ag obair cruaidh gus dèanamh cinnteach gun tèid aig clann air obair-sgoile a choileanadh aig an taigh agus tha sinn cuideachd air tidsearan, buidhnean is daoine fa leth fhaicinn a’ co-roinn stuthan ionnsachaidh anns na meadhanan sòisealta airson sgoilearan a chuideachadh le bhith ag ionnsachadh san dachaigh.  Tha diofar stuthan rim faotainn airson sgoilearan FMG, agus tha sin ri mholadh, ach tha fhios againn gu bheil cuid de phàrantan ga fhaighinn gu math doirbh a thaobh dè cho freagarrach sa tha na goireasan airson aois is ìre an cuid chloinne.  Anns an duilleag againn Goireasan Covid-19 tha sinn a’ tabhann beagan a bharrachd fiosrachaidh a thaobh na goireasan a tha rim faotainn agus tha iad air an liostadh a rèir aois, bho ro-sgoile suas gu ìre àrd-sgoile.  Tha sinn an dòchas gum bi seo feumail do phàrantan.  Bidh sinn ag ùrachadh an fhiosrachaidh tric nuair a thig stuthan ùra am bàrr.

Gheibh sibh fiosrachadh mun chorona bhìoras san fharsaingeachd aig  NHS Inform, Scotland

        Aithisg Bhliadhnail 2019-2020 Duilleag Facebook Cuairt Litir

Aithisg Bhliadhnail 2019-2020
Luchdaich (cruth PDF)

Tha duilleag againn air
Facebook cuideachd

Ar cuairt-litir as ùire
Luchdaich (cruth PDF)

   Cuairt Litir  
 

Ar cuairt-litir roimhe (cruth PDF)

 

 


 

Facebook

 

Còraichean © 2020 Comann nam Pàrant | Gach còir glèidhte